Lùghdachadh de 60% air sgaoilidhean carboin tro chumachd ath-nuadhachail ùr
Tha goireasan ùra – crann-gaoithe, pannalan-grèine agus pumpa-teas èadhair – a’ ciallachadh gun tèid lùghdachadh de 60% a thoirt air sgaoilidhean carboin aig Sabhal Mòr Ostaig.
Tha na leasachaidhean seo mar phàirt de phròiseact nas motha gus sgaoilidhean carboin a lùghdachadh aig Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig, agus thathar an dùil gun tig lùghdachadh de 196 tunnaichean air na thathar a’ sgaoileadh de charbon sa bhliadhna mar thoradh air an iomairt seo.
Tha Sabhal Mòr Ostaig airson gun cuir daoine molaidhean a-steach gu farpais gus ainm Gàidhlig a thoirt air a’ chrann-ghaoithe ùr, agus iad a’ smaoineachadh air seasmhachd agus mar a dh’fhaodas Gàidhlig cuideachadh le bhith a’ stèidheachadh saoghal nas seasmhaiche san àm ri teachd.
Thuirt An Dr Gillian Rothach, Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig:
“Tha sinn glè mhoiteil às mar a tha sinn a’ toirt lùghdachadh de 60% air ar sgaoilidhean carboin leis a’ chrann-ghaoithe agus na pannalan-grèine ùra seo a bhios a’ toirt cumhachd ath-nuadhachail dhuinn.
“Le bhith a’ cruthachadh cumhachd ghlan air làrach na Colaiste, tha sinn a’ toirt lùghdachadh air ar cosgaisean agus a’ cur taic ris a’ cheann-uidhe fharsaing againn gus cànan, cultar agus coimhearsnachdan na Gàidhlig a chur air adhart.
“Chaidh an crann-gaoithe dà-lannach seo a roghnachadh ri linn cho èifeachdach agus cho sàmhach ’s a tha e, agus sinn airson dèanamh cinnteach gum freagradh e gu ceart air àrainn na Colaiste.”
Chaidh na pròiseactan seo a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba tron Sgeama Lùghdachadh-carboin airson Oighreachdan Poblach na h-Alba.

