Latha Fosgailte – Sabhal Mòr Ostaig
Thig còmhla rinn Diardaoin, 23 Màrt gus sùil a ghabhail air an làraich againn agus bruidhinn ri luchd-teagaisg agus oileanaich mu bheatha aig Sabhal Mòr Ostaig!
Anns a’ mhadainn, bidh cuairt den làraich againn ann (le farpais bheag agus duais às a dhèidh!), far am faic thu na seòmraichean-teagaisg agus na tallaichean againn, a bharrachd air na h-àitichean-fuirich a tha ri fhaotainn.
Feasgar, bidh cothroman còmhraidh ann an dà chuid le luchd-teagaisg nan cùrsaichean againn agus le oileanaich a tha ag ionnsachadh air an làraich an-dràsta.
Gheibh thu cuideachd cothrom tadhal air clas annais-làimhe, far an cluinn thu na h-oileanaich tàlantach air a’ chùrsa BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta is iad a’ seinn ‘s a’ cluich nan ionnsramaidean!
Ma tha ceistean agad mun tachartas seo, leig fios gu .
Faodaidh sibh àite a ghleidheadh air Eventbrite le bhith bruthadh am putan gu h-ìosal.