SABHAL MÒR OSTAIG A’ TOGAIL DUAIS: SÀR OBAIR ANNS A’ CHOIMHEARSNACHD
Thog Sabhal Mòr Ostaig an duais airson Sàr Obair anns a’ Choimhearsnachd a-raoir aig Duaisean Foghlaim an Herald 2026 airson na rinn iad mar phrìomh chom-pàirtiche air a’ phròiseact, Baile na Cille Bige.
Chaidh taigheadas ùr Bhaile na Cille Bige, a’ chiad bhaile ùr air a phlanadh san Eilean Sgitheanach o chionn còrr is 100 bliadhna, a thogail air fearann ri taobh Sabhal Mòr Ostaig. Tha faisg air 20 dachaigh is làrach taighe air prìs reusanta a-nis sa Chill Bhig, agus tha grunn luchd-labhairt na Gàidhlig a’ fuireach ann.
Bha britheamhan nan duaisean a’ coimhead airson fianais air dealas do raointean leithid cosnadh ionadail, sgeamaichean saor-thoileach coimhearsnachd, obair charthannais, iomairtean àrainneachdail agus cleachdadh thoraidhean ionadail.
Thuirt Stiùiriche Leasachaidh Shabhal Mòr Ostaig, An Dr Donnie Rothach:
“Tha Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig, air leth toilichte an duais iomraiteach seo fhaighinn airson Sàr Obair anns a’ Choimhearsnachd.
“Bho chaidh a stèidheachadh, tha tuigse air a bhith aig Sabhal Mòr Ostaig air cho fìor chudromach ’s a tha ath-bheothachadh cànan is cultar na Gàidhlig do mhath eaconamach is sòisealta ar coimhearsnachdan agus le Baile na Cille Bige, chithear tuilleadh fianaise air na dòighean-obrach iomlanach a bhios sinn a’ cleachdadh gus buannachdan brìghmhor agus maireannach fhaighinn dhan choimhearsnachd.
“Tha taigheadas aig prìs reusanta glè chudromach dhan iomairt gus coimhearsnachdan seasmhach a chruthachadh le daoine a tha a’ cur ris an eaconamaidh, agus far a bheil Gàidhlig aig cridhe beatha nan coimhearsnachdan sin, agus tha sinne aig Sabhal Mòr Ostaig moiteil às an obair a tha sinn air a dhèanamh gus taic a chumail ris an iomairt sin.”
Chaidh A’ Chill Bheag a stèidheachadh mar thoradh air com-pàirteachas eadar Sabhal Mòr Ostaig, a’ phrìomh bhuidheann chom-pàirteach, Urras Taigheadais nan Coimhearsnachdan, Comhairle na Gàidhealtachd agus an companaidh togail Sgitheanach Companaidh Togail Sheumais MhicCuinn Earranta.

