Seachdain nan Teaghlach 2024

Bidh Seachdain nan Teaghlach, tachartas ionnsachaidh bliadhnail air a chur air dòigh le Sabhal Mòr Ostaig agus Comhairle na Gàidhealtachd, a’ tilleadh dhan Eilean Sgitheanach 08–12 Iuchar 2024, 20 bliadhna on a thòisich a’ chiad tachartas de leithid ann an 2004.
Tha an tachartas fad-seachdain seo fosgailte do theaghlaichean aig a bheil clann ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (bun-sgoil no sna tràth-bhliadhnaichean) is e a’ toirt cothrom do phàrantan cùrsa cànain Shabhal Mòr Ostaig a fhrithealadh fhad ‘s a tha an cuid chloinne a’ gabhail pàirt ann an tachartasan leithid spòrs, ealain is ionnsachadh air a’ bhlàr a-muigh tro mheadhan na Gàidhlig.
Thuirt Iar-Phrionnsapal Shabhal Mòr Ostaig, an Dr Marsaili NicLeòid:
“’S e an àrainneachd àlainn Ghàidhlig a th’ againn an seo aig Sabhal Mòr Ostaig an t-àite a b’ fhreagarraiche airson Seachdain nan Teaghlach – cothrom air leth do phàrantan is clann ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig tighinn còmhla airson ionnsachadh is spòrs, agus taic am measg chàirdean, ann an coimhearsnachd de theaghlaichean Gàidhlig.”
Thuirt an Comhairliche Calum Rothach, Cathraiche Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd:
“Abair deagh dhòigh a bhith a’ comharrachadh an 20mh bliadhna on a’ chiad Seachdain nan Teaghlach. Tha mi air mo dhòigh gum bi an tachartas com-pàirtichidh seo, eadar Comhairle na Gàidhealtachd agus Sabhal Mòr Ostaig, a’ toirt chothroman dha pàrantan agus clann na sgilean Gàidhlig aca a leasachadh. Tha Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach na fhìor dheagh àite airson prògram de thachartasan leithid spòrs, dràma, is ionnsachadh air a’ bhlàr a-muigh tro mheadhan na Gàidhlig, is a bhios a’ toirt chothroman dha com-pàirtichean sean is òg an cuid Gàidhlig a chleachdadh còmhla.”
Ann an 2023, ghabh 30 teaghlach (42 pàrant; 52 pàiste) à gach ceàrn na dùthcha an cothrom gus ionnsachadh is cluiche ann an àrainneachd-bhogaidh an Ionaid Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig ann an Slèite, ceann a deas an Eilein Sgitheanaich, agus iad uile fìor dhealasach mu na fhuair iad às.