Skip to content

Clasaichean Còmhraidh Air-loidhne le Pàdruig Moireach – Eadar-meadhanach, Foghar 2022

BHO: 02 Samhain 2022
GU: 07 Dùbhlachd 2022
COSGAIS: £90
COSGAIS (OILEANAICH): £80
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Pàdruig MoireachThèid an clas seo a theagasg gach oidhche Ciadain eadar 18:30 agus 20:00 bho 02/11/22 – 07/12/22. (6 seachdainean)

Clasaichean còmhraidh air-loidhne, eadar-meadhanach, còmhla ri Pàdruig Moireach.

Tha na clasaichean oidhche air loidhne seo ag amas air cothrom còmhraidh a thoirt do luchd-ionnsachaidh. Le beachdachadh air diofar cuspair ga seachdain, bheir na clasaichean seo seachad cothrom air briathrachas a leudachadh, abairtean agus gnàthsan-cainnte a chleachdadh agus aig an aon àm misneachd a thogail ann an còmhradh ri chèile.  Bidh deagh cothrom ann cànan a dheasbad agus a chleachdadh le bruidhinn mu chuspairean làitheil.

Rugadh Pàdruig ann an Càrlabhagh ann an Leòdhas agus tha e air a bhith a’ teagasg Gàidhlig dha diofar cholaistean agus oilthighean thar nam bliadhnaichean. Tha e air a bhith ag obair dha SMO airson greis mhòr a-nis, gu sònraichte air cùrsaichean goirid agus cùrsaichean air astar.

Thèid sia seachdainean clasaichean còmhraidh a bharrachd a ruith sa bhliadhna ùr bhon 11/01/23 – 15/02/23.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578