Còmhradh sa Ghàidhlig (Eadar-mheadhanach nas àirde) 2018
BHO: 19 Lùnastal 2019GU: 23 Lùnastal 2019
COSGAIS: £260
COSGAIS (OILEANAICH): £180
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
![]() |
www.joydunlop.com |
***Tha an cùrsa seo làn a-nis. Nach faighnichibh mun liosta-feitheimh againn.***
Chaidh an cùrsa seo a dhealbhadh airson taic a chumail ri luchd-ionnsachaidh eadar-mheadhanach adhartach aig a bheil beagan tuigse air a’ Ghàidhlig ach nach eil cho siùbhlach nan cuid sgilean còmhraidh ‘s a bhiodh iad ag iarraidh. Tha an dòigh-teagaisg aig Joy dealasach is spòrsail agus fàgaidh sin daoine nas cofhurtaile agus nas fhosgailte airson ionnsachadh gu nàdarra, agus thèid òrain, rannan, geamannan agus dòighean-teagaisg eile a chleachdadh gus còmhradh a bhrosnachadh.
‘S ann às a’ Choingheil ann an Earra Ghàidheal a tha Joy Dunlop, a tha na neach-teagaisg, craoladair agus dannsair air leth. Bidh i a’ teagasg ann an Oilthigh Ghlaschu agus tha i cuideachd na neach-teagaisg air na Cùrsaichean air Astar agus Air-Loidhne aig Sabhal Mòr Ostaig, An Cùrsa Inntrigidh agus An Cùrsa Adhartais. ‘S e seinneadair cliùiteach a tha ann an Joy agus i air Bonn Òir a chosnadh aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an 2010 agus bidh i tric a’ bruidhinn air Radio nan Gàidheal.
Thèid taic shònraichte a thoirt seachad airson faighinn thairis air na duilgheadasan is suidheachaidhean a tha buailteach a bhith doirbh dha daoine le bhith a’ coimhead air is a’ ceartachadh mearachdan gràmair agus a’ faighinn taic a thaobh fuaimneachaidh. Thèid cuideam a chur air cleachdadh na Gàidhlig a tha aig daoine mar-thà ach le barrachd misneachd agus gheibhear faclan is abairtean ùra cuideachd. Bu chòir gun cuidich sin le sgilean còmhraidh a bhios nàdarra is fileanta.
**AIRSON FIOS**: Gus pàirt a ghabhail sa chùrsa seo, bu chòir do dh’oileanaich a bhith air Cùrsaichean Goirid SMO a dhèanamh aig ìrean 7 is 8 agus comas còmhraidh meadhanach math a bhith aca, le tuigse is comas cleachdaidh air na puingean gràmair a leanas:
- Tha an coimeas ri ‘S e
- Cò às a tha thu? / Càite bheil thu a’ fuireach?
- À an coimeas ri às agus ann an/am an coimeas ri anns
- Is toigh leam / Cha toigh leam
- Tuairisgeulan air daoine (coltas agus feartan)
- Tràthan sìmplidh (Bha / Tha / Bidh)
- An e/A bheil/Am bi/An toil/An robh/Am bu toil/Am b’ fheàrr/An fheàrr agus ciamar a bhios iad gan cur an cèill leis na faclan ceiste Dè/Cò/Ciamar/Carson/Cuin/Càite.
- A bheil do phiuthar a’ dol a sheinn?
- Gam/gad
- An tràth caithte – gnìomhairean riaghailteach/mì-riaghailteach agus ciamar a bhios iad gan cur an cèill leis na faclan ceiste Dè/Cò/Ciamar/Carson/Cuin/Càite.
- An tràth teachdail – gnìomhairean riaghailteach/mì-riaghailteach agus ciamar a bhios iad gan cur an cèill leis na faclan ceiste Dè/Cò/Ciamar/Carson/Cuin/Càite.
Tuairmse air ìre:
An Cùrsa Inntrigidh Earrann 3 (11-12)
Pàirt 1 An Cùrsa Adhartais
Cùrsaichean Gàidhlig aig ìre 7 & 8 (Cùrsaichean Goirid)
Chan eil beàrnan ann ach airson deichnear – glèidh àite an-dràsta gus am faigh thu cothrom air a’ chùrsa!