Slighe gu Teagasg 2023
Meal a naidheachd air na 15 sgoilearan bho Àrd-sgoil Phort Rìgh agus Àrd-sgoil a’ Phluic a chur crìoch air a’ chùrsa Slighe gu Teagasg aig Sabhal Mòr Ostaig an t-seachdain sa. ’S e cùrsa ùr a tha seo, a chaidh a dhealbh le òraidichean Foghlam Thidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig, do sgoilearan àrd-sgoile (Bliadhna 4 gu 6) aig a bheil ùidh ann an teagasg Gàidhlig agus a tha airson beagan a bharrachd fhaighinn a-mach mu chùrsaichean aig ìre cholaiste agus mu bheatha oileanaich.
Thuirt Shona NicCarmaig, Stiùiriche a’ Chùrsa: “Tha cruaidh fheum againn air tidsearan aig gach ìre de dh’fhoghlam Gàidhlig – san sgoil-àraich, sa bhun-sgoil, tidsearan Gàidhlig agus tidsearan a bhios a’ teagasg chuspairean tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre àrd-sgoile. Thug an cùrsa seo cothrom agus brosnachadh dha na sgoilearan beachdachadh air cùrsa teagaisg nuair a dh’fhàgas iad an sgoil, air an obair a bhiodh romhpa agus na dh’fheumadh iad de theisteanasan agus de dh’eòlas agus sgilean airson
cùrsa teagaisg a dhèanamh. Bha cothrom aca cuideachd na sgilean cànain agus conaltraidh aca a leasachadh, a bhith a’ fàs ann am misneachd agus, tro bhith a’ fuireach air an làraich, blasad fhaighinn air beatha mar oileanaich. Is e fìor thlachd a bh’ ann dhuinne a bhith ag obair le buidheann cho èasgaidh, dìcheallach, dòigheil a bha cho deònach Gàidhlig a chleachdadh agus na sgilean aca a leudachadh. Tha mi cho moiteil asta uile agus tha mi gu mòr an dòchas gu bheil an cùrsa air brosnachadh a thoirt dhaibh a bhith a’ beachdachadh air dreuchd ann an teagasg Gàidhlig nuair a dh’fhàgas iad an sgoil.”
Ar taing do Bhòrd na Gàidhlig a mhaoinich an cùrsa seo dhuinn. Tha sinn gu mòr an dòchas gum bi cothrom againn an cùrsa a ruith an-ath-bhliadhn’ a-rithist agus gum bi e an comas dhuinn fàilte a chur an uair sin air sgoilearan bho air feadh na dùthcha aig a bheil ùidh ann an teagasg Gàidhlig.