SGOIL SHAMHRAIDH GHÀIDHLIG ÙR, LÀN-MHAOINICHTE DO LUCHD-IONNSACHAIDH
Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ cur air bhog Sgoil Shamhraidh Ghàidhlig ùr, làn-mhaoinichte do 12 neach-ionnsachaidh, a thòisicheas 08 Iuchar 2024 airson 7 seachdainean.
Gheibh oileanaich aig an Sgoil Shamhraidh Ghàidhlig suas ri 30 uairean a thìde de chlasaichean, àite-fuirich agus biadh uile an-asgaidh air àrainn àlainn Shabhal Mòr Ostaig.

’S ann do dh’fhìor luchd-tòiseachaidh a tha an Sgoil Shamhraidh Ghàidhlig, agus bidh i mar cheum a dh’ionnsaigh a’ chùrsa bhogaidh CertHE An Cùrsa Comais a thòisicheas san t-Sultain 2024, agus gu teisteanasan a bharrachd ann an teagasg, ceòl, craoladh, cànan agus cultar.
Thuirt Stiùiriche an Fhoghlaim, An Dr Marsaili NicLeòid: “’S e cothrom air leth agus làn-mhaoinichte a th’ anns an Sgoil Shamhraidh Ghàidhlig do dhuine sam bith aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig, ach nach d’ fhuair cothrom a h-ionnsachadh san sgoil no san taigh.
“Cuiridh oileanaich an samhradh seachad anns an Eilean Sgitheanach, air am bogadh ann an gach taobh den chànan, an lùib prògram beothail làn thachartasan aig Sabhal Mòr Ostaig.
“Gheibhear ullachadh cho math ’s a ghabhas air làrach an t-Sabhail anns na 7 seachdainean sin airson na bliadhna bogaidh, CertHE An Cùrsa Comais, agus nan slighean ceuma a’ tòiseachadh san t-Sultain 2024.

“’S e seo a’ chiad cheum air an t-slighe agad gu dreuchd anns a’ Ghàidhlig.”
Tha Sgoil Shamhraidh Ghàidhlig 2024 air a maoineachadh le Riaghaltas na h-Alba.
Gheibhear am barrachd fios mun a’ chùrsa agus foirm ùidh an seo.