Soirbheachadh ann an rannsachadh dha Sabhal Mòr Ostaig
Tha Sabhal Mòr Ostaig air a chliù eadar-nàiseanta airson rannsachadh a dhaingneachadh a-rithist anns a’ mheasadh as ùire de sgoilearachd oilthighean Bhreatainn.
Chuir sgioba acadaimigeach aig Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig tagradh air adhart gu Frèam airson Sàr-mhathais ann an Rannsachadh (REF). B’ ann an-diugh fhèin (12 Cèitean 2022) a dh’fhoillsich an REF na toraidhean as ùire aca. Nì na ceithir buidhnean-maoineachaidh nàiseanta airson foghlam àrd-ìre tomhais air càileachd obair-rannsachaidh nan oilthighean, a’ gabhail a-steach fhoillseachaidhean, buaidh an rannsachaidh, agus àrainneachdan-rannsachaidh.
Thairis air na bliadhnaichean ri thighinn thèid toraidhean an REF a chleachdadh mar bhonn-stèidh ann a bhith a’ roinn a-mach maoineachadh-rannsachaidh eadar na deifir ionadan-foghlaim àrd-ìre.
Bha an rannsachadh mar phàirt dhen tagradh aig Oilthigh na Ghàidhealtachd agus nan Eilean (OGE) dhan REF. Bha naoinear luchd-rannsachaidh Gàidhlig an sàs ann dhan roinn Nuadh-Chànanan agus Cànanachas, ochdnar à sgioba-rannsachaidh an t-Sabhail, agus aonan stèidhichte ann an Institiùid Shaidheansan-Cànain ann an Inbhir Nis. Bha sgaoilteachd mhath de chuspairean fainear dhaibh, eadar an cànan fhèin, litreachas, ceòl, eachdraidh, feallsanachd agus ealain, foghlam, agus mar a thathas a’ cleachdadh na Gàidhlig ann an coimhearsnachdan an-diugh.
Chaidh an tagradh aca am feabhas gu mòr an taca ris a’ mheasadh mu dheireadh ann an 2014. An turas seo, chaidh 77% den rannsachadh a luachadh aig na h-ìrean a b’ àirde—eadar-nàiseanta, no air a’ bharra-mhullaich air fad—an coimeas ris an 61% a fhuaras ann an 2014.
Chaidh 86.7% de dh’fhoillseachaidhean an sgioba a mheasadh aig an dà ìre a b’ àirde, 66.7% aig an robh cliù eadar-nàiseanta, agus 20% air na mullaichean buileach. Bhathas a’ cur luach air an 13.3% eile mar rannsachadh ‘fìor mhath’.
Chuir Prionnsapal na Colaiste, an Dr Gillian Rothach, fàilte air an naidheachd, agus mhol i an obair-rannsachaidh gu mòr. Thuirt i: “Tha mi fìor thoilichte leis na toraidhean seo, dearbhadh eile gu bheil gnothaichean a’ soirbheachadh leinn gu mòr ann an rannsachadh acadaimigeach, agus ar luchd-rannsachaidh le cliù eadar-nàiseanta. Tha iad air leth dealasach mu na cuspairean aca, tha iad mionaideach nan cuid sgrùdaidh, agus cuiridh iad gu mòr ri coimhearsnachd na Gàidhlig, gu h-ionadail, gu nàiseanta, agus gu h-eadar-nàiseanta.
“Tha mi moiteil às an neart air leth agus às an dealas a chuir iad a-steach dha na tagraidhean seo às ar leth, agus tha mi moiteil às a’ bhuaidh a bheir iad air suidheachadh an t-Sabhail Mhòir agus air coimhearsnachd na Gàidhlig’.
Thuirt Ceannard Rannsachaidh Shabhal Mòr Ostaig, Abigail Burnyeat: “Tha an sgioba airidh air na toraidhean fìor mhath seo, agus tha sinn a’ cur fàilte mhòr orra. Tha iad mar dhearbhadh air an t-sàr-obair ris a bheil an luchd-rannsachaidh againn, a’ taisbeanadh càileachd, cudromachd, agus buaidh ar cuid rannsachaidh.
“Dh’fhaodadh gu bheil coltas eacarsaich acadaimigeach air an REF, ach ann an da-rìribh tha e gu math cudromach, a’ toirt aithne air cho luachmhor ’s a tha ar cuid obrach dha cànan agus dha cultar na Gàidhlig, dha buaidh na h-obrach seo air an t-saoghal-rannsachaidh, agus dhan bhuaidh cuideachd air coimhearsnachdan na Gàidhlig agus air inbhe na Gàidhlig ann an Alba. Bheir an naidheachd an-diugh dhuinn bonn-stèidh làidir gus càileachd ar cuid rannsachaidh a dhaingneachadh, gus caidreachasan agus co-obrachaidhean rannsachaidh a thogail, agus gus taic a thoirt dha ginealaichean ùra de luchd-rannsachaidh Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig.”