NA 10 RUDAN AS FHEÀRR RI DHÈANAMH ANN AN SLÈITE
Tha sinne aig Sabhal Mòr Ostaig uabhasach fortanach a bhith suidhichte an seo ann an Slèite: sgìre bhrèagha ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich. Nach e ‘Lios an Eilein’ a th’ aca air agus an sgìre cho torrach is uaine, ach chan e dìreach seallaidhean brèagha a bhios a’ tàladh dhaoine dhan sgìre. Seo agaibh taghadh de na 10 rudan as fheàrr ri dhèanamh ann an Slèite:
1. Cùrsa Goirid aig Sabhal Mòr Ostaig
An còrdadh e ribh beagan Gàidhlig ionnsachadh, no piseach a thoirt air na sgilean agaibh sa chànan, no ur guth seinn a chur air ghleus, no ionnsramaid chiùil a chluich fo stiùir oide fiosrach is taiceil? Nan còrdadh, tha pailteas chothroman ann dhuibh sin a dhèanamh a h-uile bliadhna aig àm na Càisge agus as t-samhradh nuair a bhios Sabhal Mòr Ostaig loma-làn de dh’oileanaich. Tha taghadh farsaing de chùrsaichean goirid ann gach bliadhna. Agus a bharrachd air an ionnsachadh fhèin, a tha ri fhaotainn aig diofar ìrean, tha sinn a’ tabhann àite-fuirich agus biadh airson na seachdain a bhios sibh a’ frithealadh a’ chùrsa. Bidh sibh cuideachd air ur bogadh ann an àrainneachd chàirdeil is thogarrach far am bi tachartasan is dibhearsain gu leòr a’ dol às dèidh nan clasaichean. Faicibh an duilleag seo airson tuilleadh fiosrachaidh.
2. Tràigh Ostaig
Ma bhios latha grianach ann, chan eil dad nas fheàrr na bhith a’ cur seachad ùine shìos air an tràigh shnog seo faisg air Sabhal Mòr Ostaig. As t-samhradh, chithear daoine a’ gabhail na grèine agus bidh daoine a’ snàmh san uisge air feadh na bliadhna. Mur coinneimh, tha seallaidhean àlainn agus sibh a’ coimhead a-null gu Cnòideart agus tìr-mòr. Tha an tràigh seo faisg air Àrainn Ostaig aig Sabhal Mòr Ostaig agus gheibh sibh thuice le bhith a’ leantainn ceum a tha air taobh eile an rathaid bhuaithe, shìos pìos beag bhon àite-pharcaidh.
3. Caisteal Armadail agus na Gàrraidhean
Fo shealbh Urras Fearainn Chlann Dòmhnaill, tha Caisteal Armadail agus na Gàrraidhean mun cuairt air a bhith a’ tarraing dhaoine a Shlèite fad iomadh bliadhna. Tha an caisteal, a bha uair na dhachaigh do Dhòmhnallaich Shlèite (Clann Ùisdein), a-nis na thobhta, ach tha na gàrraidhean brèagha a tha ga chuairteachadh làn de lusan, flùraichean is craobhan àraid agus ’s ann tlachdmhor dha-rìribh a tha e uair a thìde no dhà a chur seachad a’ coiseachd timcheall nan gàrraidhean sin. A bharrachd air na ceuman agus na tha a’ cinntinn sna gàrraidhean, tha àite-cluich ann do chloinn le dreallagan is frèam-streap is eile. Cuideachd, tha Taigh-tasgaidh nan Eilean ann, far am faigh sibh pailteas fiosrachaidh mu eachdraidh Chlann Dòmhnaill tro na linntean, bho Rìoghachd nan Eilean gu croitearachd is eilthireachd.
4. Camas Daraich, Rubha Shlèite
Tha an tràigh seo mar leug bheag am falach eadar creag is muir aig ceann a-muigh Rubha Shlèite. Le gainmheach bhrèagha, bhàn, tha an tràigh seo fo fhasgadh nan creagan is nan cnoc mun cuairt agus ged a tha i beag, tha a h-uile teans nach bi oirre ach sibh fhèin an latha a thèid sibh ann!
Bidh agaibh ri coiseachd pìos mus ruig sibh an tràigh, ach abair thusa gur fiach an turas. Bheir e mu uair a thìde coiseachd a-mach chun na tràghad, agus airson a’ mhòr-chuid den ùine, bidh sibh a’ leantainn ceum leathann a tha a’ dìreadh is a’ teàrnadh thar nan cnoc. Agus fhad ’s a tha sibh a-muigh aig Camas Daraich, faodaidh sibh cumail oirbh pìos beag gu Rubha Shlèite fhèin, far am faic sibh seallaidhean air leth de na h-Eileanan Tarsainn agus tìr-mòr.
5. Cèilidhean, Ceòl is Craic
Co-dhiù a tha sibh ann an Slèite as t-samhradh no sa gheamhradh, aig àm an earraich no nuair a tha duilleagan an fhoghair a’ tuiteam, feuch gun toir sibh sùil air na bùird-fhiosrachaidh no air na diofar làraichean air an eadar-lìon gus am faic sibh dè tha dol san sgìre. Tha ainm aig Taigh-òsta Eilean Iarmain airson oidhcheannan ciùil gu math beòthail le luchd-ciùil traidiseanta, agus thèid tachartasan ciùil, dràma is eile a chumail aig a’ Cholaiste fhèin air feadh na bliadhna. Tha an samhradh gu h-àraidh trang aig an t-Sabhal Mhòr leis na cùrsaichean goirid, àm nuair a bhios consairtean gu math tric air an cumail anns na tallaichean againn. Agus sa gheamhradh, bidh na taighean-òsta uaireannan a’ cur farpais-cheist air dòigh. Mar sin, eadar ceòl mòr, òrain Ghàidhlig, opara is ceòl clasaigeach, luchd-ciùil ionadail is eadar-nàiseanta agus dràma is dibhearsain, bidh rudeigin ann airson a h-uile duine.
6. Turas ann an Kayak
Chan eil dòigh nas fheàrr cladaichean is tràighean an Eilein Sgitheanaich fhaicinn na bhith a’ siubhal na mara, agus tha dà chompanaidh ann an Slèite a bheir a-mach sibh air turas ann an kayak agus a bheir oideachadh dhuibh ann an caidheagadh. Tha iad a’ frithealadh air diofar chomasan agus mar sin, bu chòir turas no trèanadh a bhith ann airson a h-uile duine. Tha an Skye Kayak Centre stèidhichte aig Taigh-òsta Eilean Iarmain agus tha South Skye Sea Kayak stèidhichte sa Chill Mhòir ann an Slèite (bidh South Skye Sea Kayak a’ tabhann thursan is oideachadh sa Ghàidhlig cuideachd). ’S e cothrom air leth a th’ ann beagan ùine a chur seachad aig muir agus sibh a’ cur eòlas air costa an eilein.
7. Cuairt gu Leitir Fura
’S i tè de na cuairtean as tlachdmhoire a dh’fhaodadh sibh a ghabhail ann an Slèite a’ chuairt a-mach gu Leitir Fura. Tha a’ chuairt air fad, a’ dol a-mach agus a’ tilleadh, a’ toirt mu uair a thìde gu leth mura stad sibh. Ach leis na seallaidhean eireachdail a chì sibh den Linne Shlèitich agus a-null gu tìr-mòr, bidh sibh airson fois a ghabhail an siud ’s an seo agus coimhead air na tha mur coinneimh. Às dèidh mu leth-mhìle, ruigidh sibh àite far a bheil roghainn agaibh an ceum àrd a ghabhail no cumail oirbh air a’ cheum ìosal. Aon uair ’s gun ruig sibh an ceann a-muigh, chì sibh sealladh snog den mhuir agus tìr-mòr agus cuideachd tha bòrd ann le fiosrachadh mun bhaile a b’ àbhaist a bhith ann. Tha an ceum ìosal cuideachd freagarrach airson baidhsagal-beinne agus chì sibh daoine gu tric a-muigh air chuairt leis na coin aca.
8. Drama Ionadail
Taigh-staile Thorabhaig
Thòisich iad a’ dèanamh mac na braiche aig an taigh-staile seo ann an 2017, às dèidh dhaibh seann bhaile-fearainn a chur air dòigh. A bharrachd air an taigh-staile fhèin, tha bùth ann far am faigh sibh an t-uisge-beatha agus iomadh rud eile. Tha taigh-bìdh beag ann cuideachd, far am faigh sibh greim-bìdh, drama no srùbag agus tha cothrom ann cuairt a ghabhail air an taigh-staile. Ma tha ùidh agaibh ann an uisge-beatha, no ma tha sibh dìreach a’ coimhead airson bonnach agus cupa tì, cha bu mhiste dhuibh tadhal air Torabhaig.
Pràban na Linne
Chaidh an companaidh uisge-beatha seo a stèidheachadh ann an 1976 leis an Ridire Iain Nobail nach maireann, fear a bha cuideachd gu mòr an sàs ann a bhith a’ cur Sabhal Mòr Ostaig fhèin air chois. Gheibh sibh cothrom an t-uisge-beatha no an sineubhar aca a cheannach no fheuchainn le bhith a’ tadhal air a’ bhùth aca aig Taigh-òsta Eilean Iarmain. Bha e riamh fa-near dhan chompanaidh gum biodh Gàidhlig na pàirt mòr dhen obair aca agus chì sibh sin fiù ’s le ainm nan diofar dheochan aca: Tè Bheag, Mac Na Mara, Poit Dhubh agus Uisge Lusach.
9. Dùn Sgàthaich
Airson sealladh brèagha den Chuiltheann fhaicinn agus eòlas a chur air taobh siar Shlèite, ’s fhiach e turas a ghabhail gus tobhta Dhùn Sgàthaich fhaicinn. Faodaidh sibh tadhal air làrach far an robh daingneachd no dùn suidhichte fad iomadh linn, eadar Clann ’IcLeòid, Clann Dòmhnaill agus Sgàthach i fhèin! B’ i Sgàthach, a rèir nan sgeulachdan, a’ bhana-ghaisgeach a dh’ionnsaich sgilean còmhraig do Chù Chulainn nuair a thàinig e a dh’Alba. Tha an caisteal air iomadh neach-turais a tharraing thar nam bliadhnaichean, agus a rèir choltais, am measg nan daoine a chunnaic an dùn sna làithean a dh’fhalbh bha Joseph Mallord William Turner, an neach-ealain ainmeil. Tha trì dealbhan le peansail a rinn e, a rèir choltais, de Dhùn Sgàthaich aig an Tate.
10. Aoigheachd is Biadh
Tha cliù nach beag aig sgìre Shlèite mar àite far am faigh sibh deagh dhinnear no greim-bìdh: cha ghann na roghainnean a th’ agaibh eadar Loidse Cheann Loch aig tuath agus Café 1925 ann an Àird a’ Bhàsair aig deas. Tha ceithir taighean-òsta ann a tha a’ tabhann biadh fad na bliadhna: Loidse Cheann Loch, Taigh-òsta Dhuisdeil, Taigh-òsta Eilean Iarmain agus Taigh-òsta Àird a’ Bhàsair. A bharrachd air na taighean-òsta, tha pailteas thaighean-bìdh is chafaidhean ann: Café 1925, An Crùbh, The Pasta Shed agus Taigh-staile Thorabhaig. Mar sin, cha bhi an t-acras ort nuair a thig thu a Shlèite!