1.5 MILLEAN NEACH AG IONNSACHADH NA GÀIDHLIG AIR DUOLINGO, A RÈIR DÀTA ÙR

Tha Duolingo air dàta ùr fhoillseachadh a tha a’ sealltainn gu bheil 1.5 millean neach air tòiseachadh air Gàidhlig ionnsachadh air an app bho chaidh an cùrsa a chur air bhonn o chionn trì bliadhna, Latha an Naoimh Anndra (30 Samhain) 2019.
Chaidh an àireamh de dhaoine a bhios ag ionnsachadh na Gàidhlig gu làitheil air a’ chùrsa Duolingo suas 25% bho Latha an Naoimh Anndra an-uiridh.
Chaidh Sabhal Mòr Ostaig agus Duolingo an sàs ann an com-pàirteachas na bu thràithe air a’ bhliadhna seo gus an cùrsa Gàidhlig a lìbhrigeadh, cùrsa air a bheil 450,000 neach ag ionnsachadh na Gàidhlig an-dràsta.
’S e cultar am prìomh adhbhar a th’aig daoine a’ Ghàidhlig a thaghadh air an app, agus mòran dhiubh sin airson ionnsachadh mun dualchas aca.
Thuirt Màrtainn Mac a’ Bhàillidh bho Shabhal Mòr Ostaig, An t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig:
“Bha ùidh aig daoine riamh ann an cànan agus cultar nan Gàidheal, agus tha goireasan ionnsachaidh mar Duolingo agus mar a tha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig air a dhol am meud, a’ ciallachadh gu bheil tòrr a bharrachd chothroman ann Gàidhlig ionnsachadh.
“Tha cùrsa Gàidhlig Duolingo air cur gu mòr ris an leudachadh a chunnacas thar nam beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh san àireimh de ghoireasan is cothroman a gheibhear san fharsaingeachd – SpeakGaelic nam measg. Aig an t-Sabhal Mhòr, bidh oileanaich a’ tighinn thugainn a tha air Duolingo a chleachdadh agus a’ tòiseachadh air a’ Chùrsa Inntrigidh no air a’ Chùrsa Chomais, le cuid a’ dol air adhart gu bhith a’ dèanamh ceum. Tha sinn an dòchas gum faic sinn an tuilleadh fàs san ùine a tha romhainn.”
Thuirt Colin Watkins, Manaidsear Dùthcha na Rìoghachd Aonaichte aig Duolingo:
“Tha sinn fìor thoilichte gu bheil 1.5 millean neach-ionnsachaidh air Gàidhlig a dhèanamh air an app, tha dùbhlan ann a-nis dhuinn uile gum bi 2 mhillean ann mun àm seo an-ath-bhliadhna! Tha e sgoinneil a bhith a’ faicinn uiread dhaoine a tha ag ràdh gur e cultar an t-adhbhar a tha iad ag ionnsachadh na Gàidhlig, agus sin a’ sealltainn cho cudromach ’s a tha cànan nar beatha, agus tha sinn gu math moiteil a bhith a’ dèanamh gàirdeachas ri sin air Latha an Naoimh Anndra. Tha e na amas dhuinn aig Duolingo cothrom a thoirt do dhaoine air foghlam, agus sin as coireach gu bheil ar cùrsaichean ann an Gàidhlig, Fraingis, Laideann agus ann an 39 cànanan eile uile an-asgaidh dhan a h-uile duine.”