FÀILTE & FIOS: BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta
Tha sinn air leth toilichte gum bidh seisean fiosrachaidh againn Diciadain 14 Ògmhios 2023, 7–8f, far an cluinnear mun chùrsa BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta.
Cluinneamaid bho Stiùiriche a‘ Chùrsa an Dr Decker Forrest agus alumni mun chùrsa, agus cuideachd mu bheatha nan oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig (air an làraich agus air astar). ’S e deagh chothrom a bhios an seo ceist sam bith a chur air a‘ phannal agus d’ inntinn a dhèanamh suas mun ath cheum. Bidh fàilte romhaibh uile.
‘S e seisean dà-chànanach a bhios ann, air a lìbhrigeadh tro Zoom agus air a chlàradh beò air SMO TBH air YouTube.
BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta – Seisean Fiosrachaidh air-loidhne
Diciadain 14 Ògmhios 2023 aig 19:00
Thigibh còmhla rinn air Diciadain 14 Ògmhios 2023, 7–8f, far an cluinnear mun chùrsa BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta.