Sabhal Mòr Ostaig @ 50 air BBC iPlayer agus BBC Sounds
Mura d’ fhuair sibh cothrom a’ chuirm-chiùil shònraichte Sabhal Mòr Ostaig @ 50 bho Celtic Connections fhaicinn, tha fhathast beagan ùine ann glacadh suas air BBC iPlayer:
Cluinneamaid oileanaich a’ chùrsa chiùil againn am measg rionnagan eile an t-Sabhail: Julie Fowlis, Donnie Rothach, Christine Primrose, An Dr Decker Forrest, Mairead Stiùbhart, Sian, Dàimh, Dòchas, Pàdraig Mac a’ Phearsain agus an còmhlan aig Fergie Dòmhnallach.
Bha feasgar loma làn phrògraman bhon Eilean Sgitheanach air BBC Radio nan Gàidheal cuideachd, agus faodaidh sibh èisteachd air BBC Sounds aig na ceanglaichean gu h-ìosal.
○ Fàilte air a’ Bhaile: Sabhal Mòr Ostaig 1985
○ Sgaoileadh an Eòlais: Sgìre Shlèite
○ Cuairt Choinnich san Eilean Sgitheanach
○ Sàr Chlàr le Prionnsabal na Colaiste, An Dr Gillian Rothach
○ Cuirm @ Celtic Connections: Sabhal Mor Ostaig @ 50
Fhuair an tachartas seo taic-urrasachd bho Torabhaig Single Malt Scotch Whisky.








