Neach-ealain cliùiteach a’ faighinn Sgoilearachd Jon Schueler 2026
Tha Anna NicLeòid, neach-ealain lèirsinne a tha air duaisean a chosnadh, air tòiseachadh air greis air aoigheachd aig Sabhal Mòr Ostaig a mhaireas 12 seachdain às dèidh dhi a bhith air a taghadh airson na sgoilearachd ealain cliùitich, Sgoilearachd Jon Schueler.
Leis a’ ghreis seo air aoigheachd, a tha air a tabhainn tro chom-pàirteachas eadar Sabhal Mòr Ostaig agus Urras Carthannach Jon Schueler, gheibh luchd-ealain a tha air cliù a chosnadh dhaibh fhèin airson obair-ealain lèirsinne cothrom gus obair-ealain ùr a rannsachadh agus a chruthachadh ann an stiùidio le sealladh air an Linne Shlèitich – sealladh is sgìre a thug buaidh mhòr air an neach-ealain eas-chruthach, fhèin-thaisbeanail ainmeil Jon Schueler (1916–1992).
Tha Anna NicLeòid, neach-ealain lèirsinne, neach-rannsachaidh agus neach-foghlaim le buntainneas ri Alba is Èirinn, a’ fuireach ann an iar-thuath na h-Èireann, agus na h-obair bidh i a’ coimhead air na ceanglaichean eadar an tìr, uisge, cultar agus coimhearsnachdan. Tron obair aice le ìomhaighean snaighte, ealain-àrainne, dealbhan air an tarraing, dealbhan-camara, bhidio agus fuaim, bidh i a’ dèanamh rannsachadh air tasglannan agus nithean eile agus a’ dol an sàs ann an com-pàirteachasan gus beachdachadh air an tuigse a th’ aig daoine air cruthan na tìre agus gus sgrùdadh a dhèanamh air an dàimh a th’ aig daoine ris an tìr a tha mun cuairt orra.
A’ bruidhinn mun sgoilearachd, thuirt Anna NicLeòid:
“’S ann air leth inntinneach agus prìseil a tha an cothrom seo a tha mi a’ faighinn tro Sgoilearachd Jon Schueler, cothrom gus obair ùr a chruthachadh fhad ’s a bhios mi air mo chuairteachadh le cànan, cultar agus coimhearsnachd chruthachail na Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha ùidh agam gu sònraichte ann a bhith a’ coimhead air na ceanglaichean eadar àiteachan, an àrainneachd, agus cuimhne chultarach dhaoine fhad ’s a bhios mi air mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig.”
Thuirt Donaidh Rothach, Stiùiriche Leasachaidh is nan Ealain aig Sabhal Mòr Ostaig:
“Bidh Sgoilearachd Eadar-nàiseanta Jon Schueler le Greis-aoigheachd do Luchd-ealain Lèirsinne a’ tarraing iarrtasan bho luchd-ealain fìor thàlantach bho air feadh an t-saoghail, agus sin a’ sealltainn mar a tha an tìr agus an àrainneachd a thug uiread de bhuaidh air obair is mac-meanmna Schueler cho tarraingeach is cho togarrach ’s a bha iad riamh.
“Tha sinn fìor thoilichte fàilte a chur air Anna NicLeòid gu Sabhal Mòr Ostaig agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ faicinn toraidhean na h-obrach aice fhad ’s a tha i a’ cur eòlas air cruth-tìre, cànan agus cultar an Eilein Sgitheanaich.”
Chaidh Sgoilearachd Eadar-nàiseanta Jon Schueler le Greis-aoigheachd do Luchd-ealain Lèirsinne a stèidheachadh mar chuimhneachan air an neach-ealain Ameireaganach iomraiteach agus mar thoradh air an dlùth dhàimh a bh’ aige ri cruth-tìre is àrainneachd na Linne Slèitich.

