DIÙC IS BAN-DIÙC A’ TADHAL AIR SABHAL MÒR OSTAIG LE NAIDHEACHD GA FOILLSEACHADH GUN LEAN AN CÙL-TAIC RÌOGHAIL
Thadhail Diùc is Ban-diùc Dhùn Èideann air Sabhal Mòr Ostaig an t-seachdain seo, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig san Eilean Sgitheanach.
Aig an aon àm ris an turas rìoghail, dhearbh A Mhòrachd An Rìgh gun cùm e air mar Neach-taice do Shabhal Mòr Ostaig, dreuchd a bh’ aige roimhe mar Phrionnsa na Cuimrigh.
Chaidh fàilte chridheil a chur air an luchd-tadhail Rìoghail le riochdairean bho Shabhal Mòr Ostaig, Comhairle na Gàidhealtachd, pìobairean ionadail, an dannsair Gàidhealach Amy NicFhionghain, sgoilearan bho Bhun-sgoil Shlèite agus iomadh buidheann coimhearsnachd bho air feadh an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse.
Thuirt Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig, an Dr Gillian Rothach:
“B’ e urram mòr a bh’ ann fàilte a chur air Diùc is Ban-diùc Dhùn Èideann aig Sabhal Mòr Ostaig. Fhuair sinn cothrom air leth sealltainn dhaibh mar a tha uiread de dh’obair ionmholta ga dèanamh an seo gus cothroman ionnsachaidh is rannsachaidh sàr-mhath a thairgse do dhaoine ann an cànan is cultar na Gàidhlig, an dà chuid air-loidhne agus ann an àrainneachd bhogaidh, shònraichte na Colaiste.
“Thug sinn pailteas fianaise do Dhiùc is Ban-diùc Dhùn Èideann air na tha a’ tachairt againne agus sa choimhearsnachd, agus iad a’ faighinn cothrom cuairt a ghabhail air a’ Chill Bhig – com-pàirteachas taigheadais poblach is prìobhaideach far am bi 29 dachaighean ùra aig prìs reusanta air làrach na Colaiste – agus cothrom tadhal air clas Gàidhlig san robh oileanaich bho Oilthigh Northeastern sna Stàitean Aonaichte.
“Bha sinn cuideachd uabhasach toilichte cluinntinn gum bi A Mhòrachd An Rìgh a’ cumail air mar Neach-taice Rìoghail do Shabhal Mòr Ostaig, agus sin a’ cuideachadh le bhith a’ dèanamh sanasachd air an obair air leth a bhios ar luchd-obrach, oileanaich is luchd-compàirt a’ dèanamh gus a’ Ghàidhlig a chur air adhart gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta.”
Chrìochnaich an Diùc is a’ Bhan-diùc an turas aca le bhith a’ gabhail lòn agus ag èisteachd ri ceòl aig Àrainn Chaluim Chille còmhla ri luchd-obrach is oileanaich bho Shabhal Mòr Ostaig agus buidhnean coimhearsnachd bho air feadh an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse, le riochdairean bho: Àrd-sgoil Phort Rìgh, Àrd-sgoil a’ Phluic, Fearann Eilean Iarmain, Fèis an Earraich, Comann Eachdraidh Shlèite, Acadamaidh LMPA, SEALL, Iomairt Chamus Chros is Dhuisdeil, Ionad Thròndairnis, Urras Coimhearsnachd Phort Rìgh is a’ Bhràighe, Urras Fearainn Chlann Dòmhnaill and Caisteal Armadail.

