Cosgaisean SAAS gan cur an dàrna taobh airson bliadhnaichean bogaidh
Cuiridh SAAS na riaghailtean a thaobh cùrsaichean a rinneadh roimhe an dàrna taobh airson chùrsaichean bogaidh CertHE, gu sònraichte aig Sabhal Mòr Ostaig.
Tha seo a’ ciallachadh gum faod oileanaich maoineachadh fhaighinn airson na cùrsaichean bogaidh fhaighinn, fiù ‘s ma tha iad air maoineachadh fhaighinn roimhe airson ceum no teisteanas HN eile.
Ma nithear an cùrsa bogaidh CertHE ro chùrsa eile (m.e. HNC no ceum), cha tèid a chunntadh mar chùrsa eile.
Tha seo gu sònraichte airson nan cùrsaichean CertHE againn – An Cùrsa Comais agus Gàidhlig is Conaltradh – do luchd-ionnsachaidh agus fileantaich, a dh’fhaodas a bhith mar a’ chiad bhliadhna de chùrsa ceuma, no mar chùrsaichean bogaidh aon-bhliadhna gus do sgilean cànain a leasachadh.