Stiùiriche Cùrsa Shabhal Mòr Ostaig aithnichte ann an Duaisean HISA 2023
Meal a naidheachd air an Dr Iain Mac a’ Phearsain, a tha na stiùiriche air a’ chùrsa DLP Eadar-theangachadh Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig, a chaidh ainmeachadh mar an Òraidiche as Brosnachaile ann an Duaisean Comann Oileanaich na Gàidhealtachd is nan Eilean (HISA) 2023. Tha na duaisean, a tha air an stiùireadh le oileanaich, ag aithneachadh luchd-obrach agus oileanaich a tha air sàr obair a dhèanamh. Tha na duaisean seo a toirt cothrom do dh’oileanaich taing a thoirt dhaibhsan a tha air am brosnachadh agus air taic a thoirt dhaibh fhad ‘s a tha iad air a bhith nan oileanaich.
Thuirt oileanach a rinn a’ chùrsa, “Tha ùidh cho mòr aig Iain ann an eadar-theangachadh, agus bha e sònraichte mar òraidiche gus ar comas ann an eadar-theangachadh a thoirt gu sàr àrd-ìre. Thug e cuideachd misneachd mhòr dhuinn gun robh sinn comasach fiù ‘s teacsaichean gu math toinnte de dhiofar stoidhlichean agus ghnèithean eadar-theangachadh. Bha na clasaichean aige air leth tarraingeach agus tlachdmhor cuideachd.”
Tha sinn cuideachd airson meal-a-naidheachd a chur air Shona NicCarmaig, Stiùiriche Foghlam Thidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig, a fhuair sàr mholadh ann an duaisean na bliadhna sa mar Neach-stiùiridh Rannsachaidh no Tràchdais as fheàrr.