OBAIR TOGAIL A’ TÒISEACHADH AIR BAILE ÙR ANN AN CEANN A DEAS AN EILEIN SGITHEANAICH
17 TAIGHEAN ÙRA A BHIOS RIM FAOTAINN AIG PRÌS REUSANTA AM BAILE NA CILLE BIGE
Tha obair air tòiseachadh air baile ùr, a’ chiad fhear san Eilean Sgitheanach o chionn còrr is ceud bliadhna, mar phàirt de phròiseact taigheadais sa bheil Sabhal Mòr Ostaig (an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig), Comhairle na Gàidhealtachd, James MacQueen Ltd agus Urras Taigheadais nan Coimhearsnachdan an sàs mar luchd-compàirt.
Thèid 17 dachaighean ùra a thogail a bhios rim faotainn aig prìs no air mhàl reusanta mar phàirt de leasachadh nas motha airson Baile na Cille Bige ann an Slèite. Bidh 6 dachaighean ann airson màl sòisealta le Comhairle na Gàidhealtachd agus 8 dachaighean aig prìs reusanta a thuilleadh air 3 làraichean le lasachadh prìse airson taighean a thogail le Urras Taigheadais nan Coimhearsnachdan.
Bidh measgachadh de dhachaighean ann le feadhainn le lasachadh màil agus feadhainn eile a bhios gan reic aig prìs nas saoire. Nam measg, bidh dachaighean airson teaghlaichean, feadhainn le slighean a-steach a tha còmhnard agus a tha freagarrach airson sèithrichean-cuibhle. Tha leasachadh taigheadais prìobhaideach eile gu bhith a’ tòiseachadh a dh’aithghearr ri taobh nan dachaighean seo far am bi James MacQueen Earranta a’ togail 14 flataichean.
Thathar an dùil gum bi mu 100 dachaigh uile-gu-lèir air an togail thar ùine, a bhios a’ toirt dachaigh do dhaoine de dhiofar aoisean sa choimhearsnachd. Coimhearsnachd, thathar an dòchas, anns am bi diofar ghinealaich a’ fuireach, far am bi nàbaidheachd làidir ann agus far am bi daoine air an tarraing còmhla an àite a bhith a’ faireachdainn gu bheil iad nan aonar.
Thathar an dùil, leis gu bheil na dachaighean seo gu bhith faisg air Sabhal Mòr Ostaig, gum bi ùidh aig luchd-labhairt no luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig sna taighean seo, ge-tà, bidh cothrom aig a h-uile duine aig a bheil feum air dachaigh san sgìre cur a-steach airson nan taighean seo.
Thuirt Cathraiche Bòrd Stiùiridh Shabhal Mòr Ostaig Aonghas MacLeòid:
“Tha e na adhbhar moit do Shabhal Mòr Ostaig a bhith a’ toirt stiùir dhan phròiseact lèirsinneach seo, Baile na Cille Bige, far am bithear a’ togail thaighean ùra, rud air a bheil cruaidh fheum san sgìre. Tha an leasachadh seo cuideachd a’ freagairt air na prìomh amasan againn a bhith a’ toirt taic do chànan is cultar na Gàidhlig agus dhan eaconamaidh ionadail.
“Seo cothrom air leth dhan fheadhainn aig a bheil ceangal ris a’ chànan agus an cultar cur a-steach airson dachaighean so-ruigsinn a bhios rim faotainn aig prìs reusanta ann am Baile ùr na Cille Bige far am bi iad a’ fuireach ri taobh àrainneachd bheothail is bhrìoghmhor Shabhal Mòr Ostaig, àite far a bheil na diofar ghinealaich air am bogadh sa Ghàidhlig agus a cultar.”
Tha an ath ìre seo a’ tighinn às dèidh a’ chiad dà thaigh a thog Urras Taigheadais nan Coimhearsnachdan roimhe, nuair a thog iad dà dhachaigh aig prìs reusanta fon sgeama ‘Air Mhàl gus a Cheannach’ air làrach na Cille Bige. Tha dà theaghlach òg a’ fuireach annta a-nis.
Thuirt Ronnie MacRath, Àrd-oifigear Urras Taigheadais nan Coimhearsnachdan: “Tha sinn glè thoilichte a bhith an sàs sa phròiseact choimhearsnachd adhartach seo far am bithear cuideachd a’ tabhann thaighean aig prìs reusanta a bhios freagarrach do dhaoine nas sine agus a bhios a’ ciallachadh gun urrainn dha na diofar ghinealaich a bhith a’ fuireach ri taobh a chèile. Chan eil leasachadh eile ann an Alba coltach ris an fhear sa Chill Bhig, oir bidh e a’ frithealadh air diofar aoisean agus bidh diofar roghainnean ann a thaobh màl is a bhith a’ ceannach. Bidh cothroman ann do dhaoine nas sine agus teaghlaichean òga taic a thoirt dha chèile agus an lùib sin uile bithear a’ gabhail ealla ri cho cudromach ’s a tha an cultar agus an dualchas. Tha e a’ dèanamh ciall a bhith a’ dèanamh ath-bheothachadh air sgìre agus sluagh san dòigh seo, agus cuidichidh e le bhith a’ dèanamh cinnteach gum mair a’ choimhearsnachd air stèidh sheasmhach san ùine ri thighinn.”
Thuirt Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam is Sgilean, Shirley-Anne Somerville BPA, nuair a thadhail i air Sabhal Mòr Ostaig: “Tha e sgoinneil an obair chruaidh fhaicinn a thathar air a bhith a’ dèanamh airson a’ phròiseict seo, obair a nì cinnteach gum bi a’ Ghàidhlig fhathast na pàirt làidir dhen choimhearsnachd seo.
“Tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt aithne dhan àite chudromach a th’ aig a’ Ghàidhlig ann an cultar agus eaconamaidh na h-Alba. Tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ faicinn mar a thèid am pròiseact seo a thoirt air adhart agus ri mar a bheir e piseach air cùisean do choimhearsnachdan ionadail san Eilean Sgitheanach.”
Thuirt Rùnaire an Taigheadais, Shona Robison BPA: “Tha e mìorbhaileach fhaicinn gu bheil obair a’ tòiseachadh air a’ phròiseact sa Chill Bhig. Ann an co-bhonn ri Urras Taigheadais nan Coimhearsnachdan agus Comhairle na Gàidhealtachd agus le taic luach còrr is £1.2 millean bho Riaghaltas na h-Alba, bidh am pròiseact seo a’ togail dhachaighean fìor mhath, a gheibhear aig prìs reusanta, a bhios a’ frithealadh air feumalachdan dhaoine agus a leigeas leotha fuireach air an ceann fhèin sa choimhearsnachd.
“Bidh na dachaighean seo a’ cuideachadh leis a’ ghealladh againn 110,000 dachaigh aig prìs reusanta a thabhann ro 2032, agus e na amas gum bi co-dhiù 70% dhiubh gan tabhann air mhàl sòisealta agus gum bi 10% ann an coimhearsnachdan iomallach, dùthchail agus eileanach.”
Thuirt Cathraiche Comataidh Eaconamaidh is Bun-structair Comhairle na Gàidhealtachd, an Comhairliche Ken Gowans: “’S e iomairt adhartach is lèirsinneach a tha seo far a bheilear a’ cruthachadh a’ chiad bhaile ùir san Eilean Sgitheanach o chionn còrr is ceud bliadhna a chum maith na coimhearsnachd agus tha e fìor chudromach do Phlana an Eilein Sgitheanaich is Ratharsair airson an Ama ri Teachd. Tha a’ choimhearsnachd, dualchas agus cultar aig cridhe Baile na Cille Bige agus dh’fhaodadh gun èirich leasaichean ceudna air feadh na Gàidhealtachd stèidhichte air feallsanachd a’ phròiseict seo a thaobh nan diofar ghinealach a bhith a’ fuireach sa choimhearsnachd còmhla. Tha e math dha-rìribh gu bheil an obair togail a’ tòiseachadh sa Chill Bhig agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair gu dlùth còmhla ri Urras Taigheadais nan Coimhearsnachdan agus Sabhal Mòr Ostaig fhad ’s a tha am pròiseact ga thoirt gu buil.”
Bidh na dachaighean faisg air Sabhal Mòr Ostaig, a’ bhun-sgoil agus an sgoil-àraich ionadail. Cuideachd, faisg air làimh tha an t-Ionad-slàinte agus Ionad Dhotairean ionadail, Cafaidh Ostaig agus a’ bhùth choimhearsnachd aig Armadal air am faod seirbheisean còmhdhail ionadail airson daoine nas sine tadhal. Airson ùidh a nochdadh sna dachaighean, cuiribh am fiosrachadh agaibh a-steach aig: