COTHROM-MAOINEACHAIDH PhD
Tha tagraidhean airson àiteachan-oileanach dotaireachd ann an Sgrùdaidhean Gàidhlig agus Ceilteach ann an Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, ’s iad air am maoineachadh leis an AHRC, a-nis fosgailte.
Cuiridh Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan agus Cultar na Gàidhlig, fàilte ri tagraidhean bho luchd-tagraidh aig a bheil teisteanasan freagarrach, gu sònraichte anns na raointean a leanas: litreachas na Gàidhlig, bho na Meadhan Aoisean don linn nuadh-aimsireil, beul-aithris, ainmeannan-àite, sòiseo-chànanachas, eachdraidh agus cultar dùthachasach na Gàidhealtachd, agus ceòl traidiseanta.
Thathas ag iarraidh air luchd-tagraidh fios a chur don Cheannard Rannsachaidh, Abigail Burnyeat, air a’ chiad dol a-mach, gus conaltradh a dhèanamh mun phròiseact a tha fainear dhaibh: