AN LEAS-PHRÌOMH MHINISTEAR A’ FOSGLADH TAIGHEADAS ÙR NA CILLE BIGE
Dh’ fhosgail an Leas-Phrìomh Mhinistear, Ceit Fhoirbeis BPA an dàrna ìre de thaigheadas Bhaile na Cille Bige, 17 dachaighean ùra a tha rim faotainn air prìs reusanta ann an Ceann an Deas an Eilein Sgitheanaich, Dihaoine [20 Sultain].
Chaidh taigheadas ùr Bhaile na Cille Bige, a’ chiad bhaile ùr air a phlanadh san Eilean Sgitheanach o chionn còrr is 100 bliadhna, a stèidheachadh mar thoradh air com-pàirteachas eadar Sabhal Mòr Ostaig, a’ phrìomh bhuidheann chom-pàirteach, Urras Taigheadais nan Coimhearsnachdan, Comhairle na Gàidhealtachd agus an companaidh togail Sgitheanach Companaidh Togail Sheumais MhicCuinn Earranta.
San dàrna phàirt seo de Bhaile na Cille Bige, tha sia taighean air mhàl sòisealta rim faotainn bho Chomhairle na Gàidhealtachd, agus tha Urras Taigheadais nan Coimhearsnachdan a’ tabhann cothrom air aon dachaigh deug air prìs reusanta le taighean agus làraich airson taighean a thogail. Tha measgachadh de dhachaighean ann, le feadhainn le lasachadh màil agus feadhainn eile a tha gan reic aig prìs nas saoire. Nam measg, tha dachaighean airson teaghlaichean, feadhainn le slighean a-steach a tha còmhnard agus a tha freagarrach airson sèithrichean-cuibhle. Fhuair an taigheadas taic nach beag bho Riaghaltas na h-Alba tro thabhartasan maoineachaidh airson taigheadas air prìs reusanta.
Tha 19 dachaighean is làraich taigheadais air prìs reusanta a-nis sa Chill Bhig a tha ri taobh Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, agus bidh obair a’ tòiseachadh tràth ann an 2025 air 12 aonad taigheadais ùr eile, agus mar phàirt de sin thèid bun-structair a stèidheachadh a bhios a’ ciallachadh gun gabh naoi taighean eile a thogail san ùine ri thighinn.
Thuirt Stiùiriche Leasachaidh Sabhal Mòr Ostaig, An Dr Donaidh Rothach: “Do thòrr dhaoine, tha a’ Chill Bheag mar shamhla soilleir air rùn is amasan farsaing Sabhal Mòr Ostaig a thaobh a bhith a’ toirt ath-nuadhachadh air cùisean sòisealta agus eaconamach agus ath-bheothachadh air cànan, cultar agus coimhearsnachdan nan Gàidheal, agus tha na cinn-uidhe is prionnsapalan sin air a bhith mar reul-iùil dhan Ionad Nàiseanta lèirsinneach seo bho chaidh a chur air bhonn ann an 1973.
“Tha e na amas dhan phròiseact taigheadais seo gum bi a’ Ghàidhlig agus a cultar aig cridhe chùisean, agus tha e na eisimpleir fìor mhath de na ghabhas dèanamh tro chom-pàirteachasan coileanaidh ro-innleachdail sa bheil na roinnean poblach is prìobhaideach, urras taigheadais agus luchd-seilbh fearainn an sàs, agus iad uile ag obair còmhla a chum maith an t-sluaigh. “Tha cead-dealbhachaidh aig a’ Chill Bhig gus còrr is 100 dachaigh ùr a thogail, agus goireasan eile a bhios nam buannachd dhan sgìre ionadail.”
Thuirt am Ministear airson Taigheadas, Pòl MacIlleFhinnein:
“Tha mi air mo dhòigh gun deach crìoch a chur air an leasachadh thaighean seo is a’ cur meal a naidheachd air gach neach is buidheann an sàs ann a bhith a’ togail nan taighean. “Fhuair an leasachadh taic de luach còrr air £1.2 millean bho Phrògram Riaghaltas na h-Alba airson Solar Thaighean aig Prìs Reusanta.
An lùib sin bha ar Maoin airson Taigheadas Dùthchail agus Eileanach – a tha air a stiùireadh a rèir iarrtas. Tha an leasachadh a’ toirt seachad fìor mheasgachadh de thaighean de dh’àrd-chàileachd aig prìs reusanta.
“Tha sinn a’ cur còrr air leth bhillean not ri taighean aig prìs reusanta air feadh Alba air a’ bhliadhna seo fhad ’s a chumas sinn oirnn a’ cur taic ri bhith a’ toirt seachad taighean.”
Thuirt Ciorstaidh NicFhionghain, Àrd-stiùiriche a’ chompanaidh thogail Sgitheanaich Companaidh Togail James MacQueen Ltd, a bha gu mòr an sàs sa phròiseact:
“Bha e na urram mòr dhuinn a bhith an sàs ann an com-pàirteachas cho cudromach agus ann a bhith a’ cur car de chuibhle na h-eachdraidh. Le ailtireachd sheasmhach is cho-mhothachail, bho ar n-ailtirean com-pàirteach aig Rural Design, chì a h-uile duine fianais an ath-bheòthachaidh a th’ aig cridhe na Cille Bige, agus sin na thaic dhan choimhearsnachd is cultar a tha cho cudromach dhan luchd-ùidhe ionadail.
“Meal-a-naidheachd air a h-uile duine a chuidich le bhith a’ stèidheachadh an taigheadais seo a nì feum glè mhòr sa choimhearsnachd. Tha sinn a’ guidhe iomadh bliadhna sona do mhuinntir na Cille Bige sna dachaighean ùra aca.”