Dance Called America
#OnThisDay, tha sinn a’ comharrachadh 250 bliadhna o chunnaic Seumas Boswell agus An Dr Samuel Johnson muinntir Shlèite a’ dèanamh dannsa leis an ainm ‘America’ dhan cuid nàbaidhean a bha air am fuadach a dh’Aimeireagaidh.
B’ e seo an cunntas a bhrosnaich an t-òran ainmeil ‘Dance Called America’ le Runrig (a tha cuideachd a’ comharrachadh 50 bliadhna am-bliadhna) agus a bhrosnaich an leabhar leis an Àrd-Oll. Seumas Mac an t-Sealgair, ‘A Dance Called America: The Scottish Highlands, the United States and Canada’.

Tha an dannsa seo na shamhla air mar a bha àireamh an t-sluaigh san Eilean Sgiathanach a’ crìonadh ri linn nam fuadaichean. Bha àireamhan muinntir Shlèite a’ sìor dhol sìos eadar 1831 agus 1971, nuair a chaidh an cunntas sluaigh mu dheireadh a dhèanamh mus deach Sabhal Mòr Ostaig a stèidheachadh ann an 1973. Bhon uair sin, tha àireamh an t-sluaigh ann an Slèite cha mhòr air dùblachadh. Ann an 1971, bha 452 neach a’ fuireach anns an sgìre; tha seo an coimeas ri 925 ann an 2011. Tha seo a’ coileanadh fear de na prìomh amasan a bh’ aig Sir Iain Noble, agus b’ e sin: a bhith a’ leasachadh an eaconamaidh agus a’ chànain còmhla.
Seo an t-òran ‘Dance Called America’ le Runrig, air a ghabhail le Donnie Rothach, Stiùiriche Leasachaidh an t-Sabhail Mhòir: https://youtu.be/cOaH5MjyL6Y