MOLAIDHEAN MÒRA AIR OILEANAICH 2023 AIG SABHAL MÒR OSTAIG

Cheumnaich oileanaich na bliadhna 2023 aig Sabhal Mòr Ostaig ann an Slèite Dihaoine (06 Dàmhair).
Thàinig aoighean, òraidichean, luchd-obrach is oileanaich cruinn còmhla airson meal a naidheachd a chur air 59 ceumnaichean a choisinn duaisean fo-cheum is iar-cheum aig an Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig. Chaidh sia ceuman le urram aig a’ chiad ìre a bhuileachadh am measg iomadh duais eile.
Tha 11 tidsear Gàidhlig am measg an luchd-ceuma agus iad mar-thà a’ teagasg sgoilearan air feadh na h-Alba sa bhliadhna phròbhaidh aca.


Chaidh duais bharraichte an t-Sàr Ghàidheil a bhuileachadh air Ailean Caimbeul is Christine Primrose cuideachd aig a’ chuirm airson obair ionmholta às leth a’ chànain is a’ chultair.
Thuirt Prionnsapal Shabhal Mòr Ostaig, An Dr Gillian Rothach:
“Tha a’ bhuidheann seo de cheumnaichean brosnachail an t-Sabhail Mhòir làn misneachd is dealais airson a’ chànain is a’ chultair, agus tha slighe air leth romhpa anns gach rud a nì iad.
“Bidh sinn a’ tachairt ri caraidean aig Sabhal Mòr Ostaig a bhios againn fad ar beatha, agus nì sinn fhèin fiughair ri bhith a’ conaltradh leis na ceumnaichean againn tron Chomann Alumni againn agus is dòcha gun till cuid a dhèanamh cùrsa no rannsachadh cuide rinn san àm ri teachd.”
Thàinig ceumnaiche dìcheallach bhon dachaigh aige ann am Buenos Aires anns an Argantain gus am biodh e an làthair aig a’ cheumnachd. Chaidh ceum le urram aig a’ chiad ìre ann an Cànan is Cultar na Gàidhlig a bhuileachadh air Uilleam Santana-MacFhionnlaigh cho math ri Duais Fhearchair Mhic an Tòisich airson a chuid sgilean acadaimigeach air leth. Thuirt Uilleam:
“Tha mi uabhasach taingeil dha na daoine a bhrosnaich mi gus cùrsaichean a dhèanamh aig Sabhal Mòr Ostaig. Thug am BA Cànan is Cultar na Gàidhlig sealladh farsaing is domhainn air saoghal nan Gàidheal tro na linntean, am beul-aithris, an litreachas agus an dìleab a chaidh fhàgail dhuinn.
“Fhuair mi taic, stiùireadh is cuideachadh gach turas a bha e a dhìth bhon luchd-teagaisg, bhon sgioba rianachd agus bho sgioba an Leabharlainn.
“Tha mi an-dràsta a’ cumail orm, an toiseach leis an Duais Leasachaidh Phroifeiseanta (DLP) ann an Eadar-theangachadh Gàidhlig aig astar, agus is dòcha a’ leantainn orm gu MSc no PhD san àm ri teachd.”
