OILEANACH AIR BURSARAIDH FHAIGHINN BHO CHOMHAIRLE NA GÀIDHEALTACHD
Tha seachdnar oileanach bho Shabhal Mòr Ostaig air taic fhaighinn tro Sgeama Bhursaraidhean Gàidhlig Comhairle na Gàidhealtachd.
Tha an sgeama seo, a tha air a bhith a’ dol airson 23 bliadhna, a’ toirt taic do dh’oileanaich a tha ag ionnsachadh tron Ghàidhlig air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan.
Tha an seachdnar a fhuair bursaraidh nan oileanaich làn-thìde, agus iad stèidhichte air làrach Sabhal Mòr Ostaig, air cùrsaichean leithid a’ bhliadhna bhogaidh, am BA (le Urram) Gàidhlig agus Foghlam, agus BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta. Buinidh triùir de na h-oileanaich dhan Eilean Sgitheanach no Loch Aillse, agus thàinig ceathrar dhiubh dhan Eilean Sgitheanach gus cùrsa a dhèanamh aig Sabhal Mòr Ostaig.
Thuirt an Dr Marsaili NicLeòid, an t-Iar-Phrionnsapal is Stiùiriche an Fhoghlaim aig Sabhal Mòr Ostaig:
“Tha taic de sheòrsa sam bith a’ cuideachadh nan oileanach againn le bhith a’ cur seachad nas urrainn dhaibh de dh’ùine ag obair air a’ chùrsa aca. Faodaidh Sgeama Bhursaraidhean Gàidhlig Comhairle na Gàidhealtachd diofar mòr a dhèanamh agus tha e a’ toirt cothrom do dh’oileanaich gach nì a tha e na chomas dhaibh a dhèanamh a choileanadh.
“Tha an sgeama seo a’ cur taic ri oileanaich Ghàidhlig, sgileil a tha làn misneachd agus a bheir dreuchd a-mach ann an teagasg, na meadhanan, obair leasachaidh coimhearsnachd, na h-ealain agus raointean eile. Bidh iad a’ cur ri eaconamaidhean ionadail agus a’ togail bratach na Gàidhlig agus a’ neartachadh cultar a’ chànain. ’S math as fhiach an sgeama seo, com-pàirteachas glè luachmhor a th’ againn le Comhairle na Gàidhealtachd agus tha sinn an dòchas gun lean e airson iomadh bliadhna.”
Faodaidh oileanaich a tha a’ dèanamh cùrsa làn-thìde aig Sabhal Mòr Ostaig, agus a tha a’ fuireach air a’ Ghàidhealtachd no sna h-Eileanan, cur a-steach airson an sgeama seo.