HÒRO-GHEALLAIDH AN 50MH

Bha a’ choimhearsnachd agus moit airson na chaidh a choileanadh thairis air an 50 bliadhna mu dheireadh aig cridhe an hòro-gheallaidh mu dheireadh againn den 50mh ceann-bliadhna Dihaoine-sa chaidh.
Chluich is sheinn clann is òigridh Shlèite, luchd-obrach an t-Sabhail Mhòir, ceumnaichean a tha a’ fuireach san Eilean Sgiathanach, agus oileanaich air a’ chùrsa BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta air beulaibh dhealbhan àlainn bhon 50 bliadhna mu dheireadh, a’ taisbeanadh cò mu dheidhinn a tha sinn, agus ‘s e sin coimhearsnachd.
Tha sinn a’ cur crìoch air 2023 làn mhisneachd, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri 2024 làn dòchais, is cùrsaichean ùra a’ tòiseachadh agus barrachd sàr chothroman ionnsachaidh air an làraich agus air-loidhne. Nach tig sibh còmhla rinn?
Bu toigh leinn taing a thoirt do Mhaoin nan Ealan Gàidhlig (air a mhaoineachadh le Alba Chruthachail, Bòrd na Gàidhlig agus air a riaghladh le Fèisean nan Gàidheal) airson an taic leis a’ chuirm-chiùil seo, a bharrachd air na gnothachasan ionadail a bha cho fialaidh leis na duaisean rafail a thug iad dhuinn:





