MODAL GRÀMAIR ÙR LÀN-MHAOINICHTE DO THIDSEARAN GÀIDHLIG
Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ cur modal ùr làn-mhaoinichte air bhog an-diugh (Diciadain, 13 Dùbhlachd 2023) a chumas taic ri tidsearan Gàidhlig agus a neartaicheas an cuid misneachd sa chànan.
Tha am modal seo a’ tighinn às dèidh Co-labhairt Fhoghlaim aig an Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig nas tràithe air a’ bhliadhna seo, a thug am follais am feum a th’ aig tidsearan Gàidhlig air cothroman leasachadh proifeiseanta a neartaicheas an sgilean cànain.

Bidh am modal, Gàidhlig airson Luchd-teagaisg 1, stèidhichte air na prìomh sgilean cànain, ’s e sin leughadh, sgrìobhadh, èisteachd is labhairt, agus faodar a choileanadh gu sùbailte a rèir clàran-ama trang an luchd-teagaisg.
Thuirt Stiùiriche a’ Phrògraim MEd Foghlam Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig, Anna Thirkell:
“’S e modal leasachadh proifeiseanta (CPD) a th’ ann an Gàidhlig airson Luchd-teagaisg 1 a tha airson luchd-teagaisg Gàidhlig a tha ag obair ann am foghlam bun-sgoil is àrd-sgoil agus a tha ag iarraidh barrachd misneachd sa Ghàidhlig, gu h-àraid sna sgilean leughaidh, sgrìobhaidh, èisteachd is labhairt aca sa chànan.
“Tha am modal ri fhaighinn an cois a’ phrògraim MEd Foghlam Gàidhlig againn, ach tha sinn ga thabhann a-nis mar mhodal fa leth airson luchd-teagaisg Gàidhlig a tha a’ sireadh chothroman leasachadh proifeiseanta, gu h-àraid cothroman a thaobh gràmar na Gàidhlig.
“’S e Diluain, 08 Faoilleach 2024 an ceann-latha mu dheireadh airson iarrtasan, agus thèid am modal a theagasg eadar am Faoilleach is an Cèitean 2024.”
Airson barrachd fios agus iarrtas a chur a-steach, faic: Gàidhlig airson Luchd-Teagaisg 1
Tha 20 creideas an cois a’ mhodail seo aig ìre iar-cheuma SCQF 11, as urrainnear a chur a dh’ionnsaigh teisteanas MEd Foghlam Gàidhlig.