LEASACHADH NA CILLE BIGE A’ FOSGLADH IARRTASAN AIRSON 17 DACHAIGHEAN ÙRA AIR PRÌS REUSANTA
Tha iarrtasan fosgailte a-nis airson 17 dachaighean ùra ann an Slèite agus Pàirt 2 de leasachadh na Cille Bige, a’ chiad bhaile ùr san Eilean Sgitheanach fad 100 bliadhna, a’ tighinn gu crìch.
Tha na com-pàirtichean – Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd agus Communities Housing Trust – a’ tabhann 17 dachaighean ùra air prìs reusanta: sia dachaighean air màl sòisealta cuide ri Comhairle na Gàidhealtachd agus sia dachaighean is trì làraichean togail rin reic air prìs reusanta is dà thaigh air màl cuide ri Communities Housing Trust.
Tha dùil ann gun tèid mu thimcheall air 100 dachaigh a thogail anns a’ Chill Bhig uile gu lèir agus measgachadh de dhachaighean teaghlaich is dachaighean le inntreadh co-ionnan is freagarrach do chathraichean-cuibhle ann air màl is rin reic air prìs reusanta.
Tha dùil ann cuideachd, is an leasachadh cho faisg air Sabhal Mòr Ostaig, gun tarraingear luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig den a h-uile aois, ged a bhios cothrom aig a h-uile duine a dh’fheumas fuireach no obrachadh san sgìre.
Thuirt Cathraiche Shabhal Mòr Ostaig Aonghas MacAonghais:
“Tha Sabhal Mòr Ostaig air leth moiteil gu bheil sinn an sàs ann am pròiseact coimhearsnachd na Cille Bige, a bheir cothrom do dhaoine den a h-uile aois is suidheachadh eaconamach a bhith a’ ceannach no a’ faighinn air màl dachaigh no làrach air prìs reusanta ri taobh coimhearsnachd na h-àrainn Gàidhlig beòthail againn.
“’S e àite air leth a th’ anns an leasachadh seo airson a’ Ghàidhlig is a cultar a sgaoileadh thar nan ginealaichean agus tha e a’ cumail ri amas an t-Sabhail Mhòir airson an cànan a bhrosnachadh tro bhogadh, foghlam, rannsachadh is cothroman cultarail aig ìre eadar-nàiseanta.“
Tha an ìre seo a’ leantainn an dà thaigh eile air pris reusanta le Communities Housing Trust tro Rent To Buy air làrach na Cille Bige, a tha a-nis nan dachaighean aig dà theaghlach òg.
Tha CHT a’ gabhail ri iarrtasan a-nis bho luchd-màil is luchd-ceannaich eadar seo agus 9m, Diluain 22 Iuchar. Faodar iarrtasan a dhèanamh aig:
https://www.chtrust.co.uk/current-opportunities-295166.html
Faodar iarrtas a chur airson dachaigh le Comhairle na Gàidhealtachd aig:
https://www.highland.gov.uk/info/925/council_housing/244/apply_for_a_house
Tha dùil gun tèid na togalaichean a thoirt seachad gu h-oifigeil le James MacQueen Building Contractors Ltd aig toiseach an Lùnastail 2024.