FARPAIS IOMRAITEACH AN FHEADAIN AIRGID A’ TILLEADH DHAN EILEAN SGITHEANACH
Tha Farpais Pìobaireachd an Fheadain Airgid gu bhith a’ tilleadh gu Sabhal Mòr Ostaig Diciadain 07 Lùnastal 2024 mar thoradh air com-pàirteachas brosnachail ùr eadar a’ Cholaiste, Comunn na Pìobaireachd agus Torabhaig Single Malt Scotch Whisky (Uisge-beatha Braiche Singilte Thorabhaig).
Thèid an tachartas foirmeil seo a chumail ann an Talla Dhonaidh Chaimbeil aig Sabhal Mòr Ostaig air oidhche an latha a thèid Geamaichean an Eilein Sgitheanaich a chumail, agus bu chòir do dhaoine a bhith an làthair aig 7f agus cùisean a’ tòiseachadh aig 7:30f. Thèid an oidhche a chlàradh airson a craoladh uair eile.
Tha farpais iomraiteach an Fheadain Airgid air a bhith a’ dèanamh gàirdeachas ri ceòl Chloinn MhicCruimein bho thòisich i san Eilean Sgitheanach ann an 1967. Bithear a’ taghadh ceòl airson farpais na bliadhna sa bho liosta nam port aig Clann MhicCruimein a bhathar a’ cleachdadh airson nan àrd fharpaisean pìobaireachd aig Cruinneachadh an Eilein Sgitheanaich.
Bha an sianar fharpaiseach uile am measg na feadhna a choisinn prìomh dhuaisean an-uiridh aig Cruinneachadh an Eilein Sgitheanaich, Cruinneachadh a’ Chinn a Tuath agus Cruinneachadh Earra-Ghàidheal, na trì prìomh fharpaisean pìobaireachd ann an Alba.
Thuirt an Dr Decker Forrest, an Stiùiriche Cùrsa airson BA (Urr) Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta aig Sabhal Mòr Ostaig:
“Tha e a’ toirt toileachas mòr do Shabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, fàilte a chur air agus a bhith ag obair còmhla ri Comunn na Pìobaireachd agus Uisge-beatha Braiche Singilte Thorabhaig gus an tachartas cultarach seo a chumail, tachartas air leth cudromach.
“Tha am Feadan Airgid a’ dèanamh gàirdeachas, gu ìre mar nach eil prìomh fharpais pìobaireachd sam bith eile, ris an àite chudromach a th’ aig Clann MhicCruimein ann am beul-aithris nan Gàidheal, agus an fharpais ga cumail san dearbh eilean far an robh iad a’ còmhnaidh agus ri ceòl. Thathar fhathast a’ cumail cuimhne, an lùib cultar an Eilein Sgitheanaich, air na sgeulachdan, àiteachan agus daoine a tha a’ buntainn ris a’ cheòl mhìorbhaileach aca.”
Thuirt Raibeart Wallace, Ceann-suidhe Comunn na Pìobaireachd:
“Tha sinne aig a’ Chomunn air cur romhainn cumail oirnn a’ coileanadh adhbhar tùsail farpais an Fheadain Airgid – ceòl mòr a chur air adhart san eilean dham buin e agus prìomh phìobairean a bhrosnachadh gu bhith a’ cluich aig Cruinneachadh an Eilein Sgitheanaich. Le farpais an Fheadain Airgid ann an 2024, bidh oidhche air leth againn le sàr cheòl na pìoba. Bidh a h-uile duine airson a bhith ann.”
Tha Farpais an Fheadain Airgid air a h-ainmeachadh air sgeulachd mu fheadan airgid a thug sìthiche do dh’fhear de Chloinn MhicCruimein o chionn fhada. Cha ghann na sgeulachdan a gheibhear mu phìobaireachd is nithean os-nàdarra agus bidh iad a’ sealltainn gu follaiseach a’ bhuaidh sheunta a dh’fhaodas a bhith aig ceòl air cùisean. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu eachdraidh na farpaise agus Chloinn MhicCruimein, faodar am blog aig an Dr Decker Forrest a leughadh air làraich-lìn Tobar an Dualchais.
Gheibhear tiocaidean aig an doras air an oidhche.
- Inbhich: £10
- Prìs lasaichte: £5
- Clann fo aois 16: An-asgaidh