Slighe gu Fileantas sa Ghàidhlig san Sgoil Shamhraidh Làn-mhaoinichte

Tha Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, a’ tairgsinn 12 àite làn-mhaoinichte air an Sgoil Shamhraidh Inntrigidh aca a tha na drochaid do luchd-ionnsachaidh eadar ìre tòiseachaidh sa chànan agus fileantas.
’S e dian-chùrsa seachd seachdainean a th’ anns a’ chùrsa, An Cùrsa Drochaid, a tha stèidhte anns an Eilean Sgitheanach agus a leigeas le oileanaich am bogadh fhèin anns a’ chànan is a’ chultar. Bidh an cùrsa a’ tòiseachadh air 30 Ògmhios is a’ crìochnachadh air 15 Lùnastal, agus tha cìsean cùrsa, àite-fuirich is biadh air am maoineachadh gu lèir don a h-uile tagraiche soirbheachail.*
An dèidh an cùrsa seachd seachdainean a choileanadh, thèid oileanaich a chlàradh air a’ chùrsa bhogaidh fad bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig, An Cùrsa Comais, agus cothrom ann leantainn orra gu ceum Gàidhlig ann an teagasg, leasachadh, ceòl tradaiseanta no na meadhanan.
Tim Armstrong, Stiùiriche Cùrsa – An Cùrsa Drochaid:
‘’S e amas A’ Chùrsa Drochaid gun toir sinn seachad drochaid – do dhaoine nach eil air cothrom fhaighinn air ionnsachadh Gàidhlig – a dh’ionnsaigh bogadh sa chànan is do na prògraman ceuma againn. Chùm sinn an cùrsa an-uiridh agus shoirbhich leis gu mòr, agus an luchd-ionnsachaidh a-nis nan oileanaich air a’ chùrsa bhogaidh againn, An Cùrsa Comais, agus cuid aca a’ cur romhpa gun lean iad orra ann an rannsachadh is dreuchdan sa Ghàidhlig.’
‘Tha sinn a’ gabhail ri iarrtasan an-dràsta bho dhuine sam bith a tha a’ fuireach san Rìoghachd Aonaichte agus tha 12 àite làn-mhaoinichte rim faighinn. Tha sinn ag iarraidh gun cuir duine sam bith iarrtas thugainn, eadar sgoilearan a’ fàgail na sgoile is oileanaich air bliadhna far an oilthigh agus daoine a tha air a bhith ag ionnsachadh fad am beatha. Tha sinn a’ sireadh dhaoine aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig agus as urrainn co-dhiù bliadhna a chur seachad ag ionnsachadh a’ chànain air an àrainn àlainn aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach.’
Màiri Gaffney, a bha roimhe na h-oileanach air A’ Chùrsa Drochaid:
‘Thòisich mi air a’ Chùrsa Drochaid an-uiridh is glè bheag de Ghàidhlig agam agus dh’ionnsaich mi na structaran gràmair is fhuair mi de mhisneachd sna sgilean còmhraidh agam a leigeas leam leantainn orm gu ceum Gàidhlig làn-ùine. Bidh mi a’ tòiseachadh air an dàrna bliadhna agam den cheum BA Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig anns an Lùnastal.
Thogadh mi taobh a-muigh baile mòr Lunnainn agus cha robh mòran chothroman agam sa Ghàidhlig agus dhomhsa dheth cha robh cùrsaichean air-loidhne cho math airson mo chuid briathrachais is misneachd sa chànan a neartachadh. B’ e slighe mhath a bh’ anns a’ Chùrsa Drochaid agus bha an àrainneachd ionnsachaidh uabhasach chàirdeil do mo leithid-sa aig nach robh mòran eòlais air cultar na Gàidhlig.
Bha a h-uile duine air a’ chùrsa shamhraidh glè bhrosnachail, chuidich oileanaich eile air an làraich mi is mi a’ neartachadh mo chuid Gàidhlig agus bha na tachartasan sòisealta spòrsail is feumail. Ma tha ùidh aig duine sam bith ann an cùrsa bogaidh Gàidhlig – air am faigh thu an dà chuid dùbhlan is duais – carson nach cuir thu iarrtas gu An Cùrsa Drochaid?’
Tha iarrtasan fosgailte (17 Gearran 2025) agus feumaidh tu clàradh air an fhoirm air-loidhne seo gus am faigh thu am pasgan iarrtais > An Cùrsa Drochaid – Sabhal Mòr Ostaig. Cha ghabh sinn ri iarrtasan an dèidh 30 Giblean 2025.
Tha An Cùrsa Drochaid air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba agus ’s e seo an dàrna bliadhna a chaidh a chumail.
Tha An Cùrsa Drochaid 2025 an urra ri dearbhadh a thaobh maoineachadh on taobh a-muigh.