Clàrsach le Ingrid NicEanraig is Deirdre Ghreumach
BHO: 29 Iuchar 2019GU: 02 Lùnastal 2019
COSGAIS: £260
COSGAIS (OILEANAICH): £180
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
Air a’ chùrsa seo bidh sibh air ur treòrachadh tro cheòl Ghàidhealach is ceòl traidiseanta, dhòighean-òrdachaidh agus com-pàirt airson a’ chlàrsaich le dithis aig a bheil dlùth-cheangal pearsanta ri cultar is cànan a’ chiùil a chluicheas iad. ’S ann à Loch Abar a tha Ingrid is i ri teagasg a’ chlàrsaich o chionn còrr is fichead bliadhna is tha i a-nis na tidsear aig Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd agus cuideachd na h-òraidiche air a’ chùrsa-cheum làn ùine aig Sabhal Mòr Ostaig, BA Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta. Tha Ingrid air a bhith air an àrd-ùrlar air feadh an t-saoghail an dà chuid a’ cluich phort leatha fhèin agus cuide ri còmhlain dhiofraichte à Alba, leithid Cliar, agus chaidh duais a bhuileachadh oirre anns a’ Cho-fharpais Chiùil Thraidiseanta airson Òigridh aig BBC Radio 2 nuair a bha i na b’ òige.
Cuideachd, as t-samhradh sa tighinn bidh Deirdre Ghreumach còmhla rinn a’ co-chuideachadh leis a’ chùrsa. ‘S ann às an Eilean Sgitheanach fhèin a tha Deirdre is i air a bhith a’ teagasg airson fhèisean agus chomhairlean o chionn iomadach bliadhna, is chuir i seachad còig bliadhna thall thairis a’ teagasg ceòl ann an Siona, an Spàinn agus Malèisia. Cluinnidh sibh Deirdre cuideachd a’ seinn le diofar chòmhlain, mar as trice le Niteworks, a bhos an seo ann an Alba agus cuideachd thall thairis.
Le dithis neach-oide air a’ chùrsa a-nis, tha sinn airson cothrom-ionnsachaidh a thabhann an dà chuid dhaibhsan a tha air ìre adhartach a ruigsinn air a’ chlàrsach air neo tha air ùr-thighinn dhan ionnsramaid.
Mar phàirt den chùrsa, bidh cothrom ag obair ann an com-pàirt ri òrain leis a’ chùrsa ‘Seallaidhean Mara air Òrain Ghàidhlig – An dàrna Tarraing’ aig an t-seinneadair chliùiteach, Maighread Stiùbhart, a tha a’ gabhail pàirt aig a’ Cholaiste air an aon sheachdain.
Feumaidh sibh an ionnsramaid agaibh fhèin a thoirt leibh airson pàirt a ghabhail sa chùrsa.
Seo agaibh cuid dhe na beachdan bhon chùrsa fo dheireadh a rinn Ingrid:
- “A very friendly course with great atmosphere”
- “Ingrid is a great tutor”
- “Really enjoyed it and found it very beneficial. I will be coming back!”
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Ingrid is a cuid chiùil, briogaibh an seo.