Cùrsa Còmhraidh le Iain & Muireall Urchardan
BHO: 10 Giblean 2017GU: 14 Giblean 2017
COSGAIS: £250
COSGAIS (OILEANAICH): £175
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
Tha an cùrsa seo a-nis làn! Faighnich mun liosta-feitheimh againn ma tha sibh airson ur n-ainm a chur air.
Chaidh an cùrsa seo a chur air bhonn airson luchd-ionnsachaidh aig ìre àrd – iadsan a tha airson am briathrachas a leudachadh agus na sgilean còmhraidh aca a neartachadh.
Bidh gach clas a’ tòiseachadh le gnàth fhaclan, a’ toirt cothrom do dhaoine eisimpleirean thogail bhom fèin-fhiosrachaidhean fhèin. Thathar an dùil gun tog na h-oileanaich am misneachd, am briathrachas agus na structaran ùra a bhrosnaicheas còmhraidhean beartach is siùbhlach.
Bidh an cùrsa fo stiùir Iain Urchardan, ’s dòcha le beagan taic bho a’ bhean, Muireall! Tha iadsan air a bhith a’ teagasg aig an t-Sabhal Mhòr fad bhliadhnaichean a-nis: a’ dèanamh chlasaichean do luchd-obrach agus oileanaich làn-ùine, agus a’ teagasg ghnàthasan-cainnt, abairtean feumail, sean-fhacail, briathrachas, sgeulachdan goirid – agus a’ toirt chothroman dhaibh uile a bhith a’ còmhradh aig ìre àrd.
’S ann às na Hearadh a tha Iain agus ’s an à Leòdhas a tha Muireall. A bharrachd air a bhith na thidsear ’s na mhinistear, ’s e neach-ealain, sgrìobhadair agus craoladair a th’ ann an Iain. Cluinnidh sibh air Rèidio nan Gàidheal e, guth a’ phrògraim chliùitich airson luchd-ionnsachaidh, Beag Air Bheag.
Bidh Iain cuideachd a’ stiùireadh na cùrsaichean a’ leanas: | |
17/07 – 21/07/2017 | Beartais Cainnt (Language Enrichment) |
31/07 – 04/08/2017 | Cùrsa Fuaimneachaidh (Pronounciation Course) |