Stòras luachmhor de làmh-sgrìobhainnean Gàidhlig a’ tighinn dhan Eilean Sgitheanach.

Tha Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta Cànan agus Cultar na Gàidhlig, agus Leabharlann Nàiseanta na h-Alba a’ tighinn còmhla gus stòras luachmhor de làmh-sgrìobhainnean Gàidhlig bho na cruinneachaidhean nàiseanta a thoirt a-nall dhan Eilean Sgitheanach.
Tha e san amharc aig a’ chaidreachas a bhith a’ toirt dualchas nan Gàidheal air ais dha muinntir an eilein. Gabhaidh na làmh-sgrìobhainnean fhaicinn aig an t-Sabhal Mhòr bho 31 Màirt gu ruige 2 Giblean. ’Nam measg, tha fear de na leth-bhric as sine den sgeulachd mu Sgàthach, a’ bhana-ghaisgeach Sgiathanach, cho math ri breacaidhean tràtha de bhàrdachd le Somhairle MacGill-eain agus Ruairidh MacThòmais.
Thuirt Jackie Cromarty, Neach-stiùiridh Conaltraidh aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba:
‘An ath sheachdain, bidh ar luchd-obrach, còmhla ris na làmh-sgrìobhainnean Gàidhlig, a’ tadhal air Sabhal Mòr Ostaig gus eòlas a chompàirteachadh leis na h-oileanaich, an luchd-obrach, agus coimhearsnachd muinntir Shlèite. Bidh am pròiseact, a mhaireas fad seachdain, a’ togail air bonn-stèidh a’ chaidreachais eadar Leabharlann Nàiseanta na h-Alba agus an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan agus Cultar na Gàidhlig, agus ag ullachadh na slighe airson tuilleadh co-obrachaidh san àm ri teachd. Am measg nam pròiseactan co-obrachail bidh cothroman dha oileanaich an t-Sabhail greiseagan-inntearnais aig an Leabharlann Nàiseanta a ghabhail os làimh a’s t-samhradh, na sgilean-obrach aca a lìomhadh, agus tuigse nas doimhne fhaighinn mu obair ann an tasglannan mu litreachas na Gàidhlig.’
Thuirt Caristìona Cain, Prìomh Leabharlannaiche aig Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan agus Cultar na Gaidhlig:
‘Tha sinn air ar dòigh gum bi na làmh-sgrìobhainnean Gàidhlig seo a’ tighinn air chèilidh air Sabhal Mòr Ostaig airson seachdain, agus gum bi cothrom aig ar coimhearsnachd ionnsachadh mu eachdraidh nan teacsaichean ud, fad ’s a bhios iad ag obrachadh leis na làmh-sgrìobhainnean fhèin, pàipearan a tha glèidhte mar as trice ann an Dùn Èideann. Tron t-seachdain (31 Màirt–2 Giblean) bidh grunnan thachartasan eadar-dhealaichte againn mu na làmh-sgrìobhainnean Gàidhlig, a’ gabhail a-steach bhùithtean-obrach dha cloinn-sgoile le tasglannaichean proifeiseanta ionadail. ’S ann an asgaidh agus fosgailte dhan phoball a bhios tòrr de na tachartasan ud, agus mar sin feuch gun tig sibh ann ma bhios ùidh agaibh.’
Tachartasan fosgailte don mhòr-shluagh:
Diluain 31 Màirt, 7.30f: òraid fo sgèith Chomann Eachdraidh Shlèite mu ‘Sgàthach a’ bhana-phrionnsa ghaisgeil’, le Abigail Burnyeat (Ceannard Rannsachaidh, Sabhal Mòr Ostaig), le cothrom coimhead air LNA Adv. LS 72.1.38, làmh-sgrìobhainn bhon t-seachdamh linn deug anns a bheil tarraing den sgeulachd ‘Trèanadh Chon Chulainn’, anns a bheil fear de breacaidhean as sine de sgeulachd Sgàthaich.
Àite: Talla Dhonaidh Chaimbeul, Sabhal Mòr Ostaig
Cosgais:£3, an asgaidh dha buill a’ Chomainn.
Diciadain 2 Giblean, 1f: Seiminear-rannsachaidh Shabhal Mòr Ostaig: ‘Làmh-sgrìobhainnean MhicNeacail anns an Leabharlann Nàiseanta’, Dr Ulrike Hogg, Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.
Àite: Seòmar Shomhairle, Sabhal Mòr Ostaig, agus air-loidhne.
Diciadain 2 Giblean, 3f–5f: Stòras Làmh-sgrìobhainnean Gàidhlig bho Leabharlann Nàiseanta na h-Alba: cothrom tadhal a-steach air Cruinneachaidhean Sònraichte Leabharlann an t-Sabhail, le cothrom coimhead air taghadh de làmh-sgrìobhainnean Gàidhlig, bho na Meadhan-Aoisean air adhart, le cunntasan goirid bho luchd-obrach LNA agus Shabhal Mòr Ostaig. An asgaidh, ach dèan cinnteach gun clàraich sibh ur n-ainm ro làimh.
Àite: Leabharlann Sabhal Mòr Ostaig
Cosgais: An asgaidh ach clàraich gu h-ìosal.