Alumnae Shabhal Mòr Ostaig air geàrr-liosta Duaisean Chomann Rìoghail Telebhisein 2025

Tha dithis Alumnae Shabhal Mòr Ostaig, a cheumnaich le duais bharraichte ann an 2024 bho DipHE na Meadhanan Gàidhlig, air a’ gheàrr-liosta airson Duais Telebhisein Oileanach RTS Alba airson nam pròiseactan deireannach aca a rinn iad mar phàirt den a’ chùrsa.
Tha na prògraman aig Mhairi NicIllÌosa agus Raonaid Urchardan, Air Loidhne: Na Meadhanan Sòisealta agus mise agus Anna Againne (Our Anne), air a’ gheàrr-liosta san roinn Fiosrachail – Foirm Ghoirid.
An dèidh crìoch a chur air a’ chùrsa DipHE sna Meadhanan Gàidhlig, tha Raonaid air a dhol air adhart gu bhith ag obair air iomadh prògram Gàidhlig is Beurla. As t-samhradh an-uiridh, shiubhail Raonaid air feadh na Gàidhealtachd a’ filmeadh Jules agus Greg’s Wild Swim, a bharrachd air a bhith ag obair ann an Eilean Mhuile airson Netflix agus ag obair aig Belladrum. Tha i an-dràsta ag obair le CBeebies ALBA.
Tha Mhairi air a dhol air adhart gu soirbheachail gu bhith ag obair air diofar phrògraman gu sònraichte airson BBC Alba, nam measg Hoolie aig an Hydro, Na Trad Awards, Am Mòd Nàiseanta Rìoghail, Cèilidh Na Bliadhna Ùire, Seirm agus Cù Leis Thu? O chionn ghoirid, chuir i crìoch air cùmhnant le BEEZR TV agus tha i ag obair do Chomhairle na Gàidhealtachd air grunn iomairtean nam Meadhanan Sòisealta.
Tha iad an-dràsta le chèile a’ faighinn tlachd bho bhith ag obair ann an saoghal obrach neo-cheangailte agus a’ coimhead air adhart ri cothroman ùra tron t-samhradh.
Tha sinn a’ guidhe gach soirbheachas dhaibh le chèile nuair a thèid na buannaichean ainmeachadh aig cuirm nan duaisean ann an Glaschu Diardaoin 27 Màrt 2025.