CO-CHOMHAIRLEACHADH POBLACH AIR TÒISEACHADH AIR PLANA GÀIDHLIG SABHAL MÒR OSTAIG
Tha Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig, air an treas Plana Gàidhlig aca ullachadh agus tha iad a’ sireadh bheachdan air mar phàirt de cho-chomhairleachadh poblach a mhaireas dà mhìos.
Gheibhear dreachd dhen phlana air làrach-lìn Sabhal Mòr Ostaig agus faodar beachdan a chur a-steach mun phlana eadar 31 Màrt is 28 Cèitean. Ann an ùine a’ cho-chomhairleachaidh, faodaidh daoine beachdan is molaidhean a thoirt seachad a thaobh a’ Phlana Ghàidhlig mus tèid an tionndadh deireannach dheth a chur gu Riaghaltas na h-Alba nas fhaide air a’ bhliadhna seo.
Thuirt Aonghas MacAonghais, Cathraiche Bòrd Stiùiridh Sabhal Mòr Ostaig:
“Tha e a’ toirt toileachas mòr dhuinn an dreachd seo dhen treas Plana Gàidhlig againn fhoillseachadh. Mar Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig, tha e fìor chudromach gum bi amasan soilleir againn gus cor na Gàidhlig a neartachadh ann an Alba. Tha am Plana Gàidhlig againn a’ togail gu dlùth air Plana Nàiseanta na Gàidhlig (2023-2028) agus a’ cur taic ris an amas aig Riaghaltas na h-Alba gus an àireamh de dhaoine a bhios a’ bruidhinn, ag ionnsachadh, a’ cleachdadh agus a’ cur taic ris a’ Ghàidhlig a chur am meud.”
Thuirt an Dr Gillian Rothach, Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig:
“Tha cliù nach beag aig Sabhal Mòr Ostaig mar ionad a bhios a’ cur cor is adhbhar na Gàidhlig air adhart ann an Alba agus air feadh an t-saoghail agus tha ar Plana Gàidhlig a’ cur taic ris na prìomhachasan is amasan a th’ againn airson nam bliadhnaichean ri thighinn. Bidh cothrom aig daoine san dà mhìos a tha romhainn molaidhean a thoirt dhuinn airson a’ phlana againn, agus tha sinn a’ brosnachadh dhaoine bho choimhearsnachdan, gnothachasan is ionadan, agus neach sam bith le ùidh sa Ghàidhlig, beachdan a chur thugainn. Tha sinn airson dèanamh cinnteach gum bi an tionndadh deireannach de Phlana Gàidhlig Sabhal Mòr Ostaig a’ freagairt air amasan is miannan sluagh na h-Alba airson a’ chànain.”
Tòisichidh an co-chomhairleachadh air 31 Màrt agus thig e gu crìch aig 5f air 28 Cèitean. Thathar a’ moladh do dhaoine beachdan a thoirt seachad ann am post-d no litir agus bu chòir dhuibh na beachdan agaibh a chur gu Sarah Jane Chaimbeul, Rùnaire a’ Phrionnsapail: no Sabhal Mòr Ostaig, An t-Eilean Sgitheanach, IV44 8RQ.