SEISEANAN-LÌN MU NA CÙRSAICHEAN AGAINN
Tha sinn fìor thoilichte a bhith a’ toirt nan seiseanan-lìn seo thugaibh mu na cùrsaichean againn tron Dùbhlachd 2022. Seo agaibh cothrom a bhith a’ bruidhinn ris na h-òraidean is na seann oileanaich againn agus a bhith a’ cur cheistean orra. Bidh na seiseanan seo dà-chànanach.
BA (le Urram) Gàidhlig & Foghlam – Seisean-lìn
Dimàirt 06 Dùbhlachd 2022 aig 19:00
Cuiribh eòlas air na tha an cùrsa BA (le Urram) Gàidhlig is Foghlam a’ tabhann aig Seisean an Latha Fhosgailte, Dimàirt 06 Dùbhlachd, 7-8f.
An Cùrsa Comais – Seisean-lìn
Diciadain 07 Dùbhlachd 2022 aig 19:00
An Cùrsa Comais – ’s e seo an cùrsa bogaidh air làrach an t-Sabhail Mhòir. Thigibh nar cuideachd aig Seisean-lìn an Latha Fhosgailte, 07 Dùbhlachd, 7–8f, airson an tuilleadh fiosrachaidh.
CertHE Gàidhlig is Conaltradh – Seisean-lìn
Dimàirt 13 Dùbhlachd 2022 aig 19:00
A bheil thu airson do chuid Ghàidhlig a leasachadh ann an àrainneachd làn Ghàidhlig? Anns an t-seisean fiosrachaidh againn cluinnear bho oidean agus alumni a’ chùrsa CertHE Gàidhlig is Conaltradh.
PGDE (slighe Ghàidhlig) – Seisean-lìn
Diciadain 14 Dùbhlachd 2022 aig 19:00
A bheil ùidh agad ann an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig? Bidh seisean fiosrachaidh againn far an cluinnear mun chùrsa PGDE – slighe Ghàidhlig.

