Sgoilearachdan ùra a’ comharrachadh 35 bliadhna de chùrsaichean nam meadhanan aig an t-Sabhal
Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ stèidheachadh dà sgoilearachd ùir, luach £2,500 an urra, airson a’ chùrsa DipHE Na Meadhanan Gàidhlig aca, agus iad a’ comharrachadh 35 bliadhna bho thòisich iad a’ teagasg chùrsaichean sna meadhanan Gàidhlig.
Thòisich an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig a’ teagasg a’ chiad Dioplòma aca ann an craoladh Gàidhlig ann an 1991, nuair a chaidh an t-Urras Trèanaidh airson Telebhisean Gàidhlig a chur air bhonn.
Chaidh na sgoilearachdan ùra a dhealbhachadh gus daoine tàlantach le Gàidhlig a bhrosnachadh gu bhith a’ toirt dreuchd a-mach sna meadhanan, agus gheibh dithis oileanach a thòisicheas air a’ chùrsa DipHE Na Meadhanan Gàidhlig sa bhliadhna acadaimigich 2026–27 taic bhon sgeama sgoilearachdan ùr seo.
Bidh àireamh mhòr de dhaoine a tha air an Dioplòma a choisinn a’ faighinn agus a’ gleidheadh obair sa ghnìomhachas, agus tha 22 a-mach à 26 (còrr is 80%) de na daoine a cheumnaich sna còig bliadhna a dh’fhalbh fhathast ag obair sna meadhanan. Tha tòrr de na daoine a rinn an Dioplòma – leithid Shomhairle MhicIain, Calum MacIlleathain, Karen Elder, Catrìona Lexy Chaimbeul, Ramsay MacMahon agus gu leòr eile – ag obair sna meadhanan Gàidhlig, ann am foghlam agus sna gnìomhachasan cruthachail.
Thuirt Stiùiriche a’ Chùrsa aig Sabhal Mòr Ostaig, Catrìona NicIain:
“Fad 35 bliadhna, tha Sabhal Mòr Ostaig air a bhith aig teas-meadhan na h-iomairt gus daoine tàlantach oideachadh is a thrèanadh airson dreuchd sna meadhanan Gàidhlig agus gus roinn chraolaidh na Gàidhlig a neartachadh.
“Ma choimheadas tu air iomadh companaidh riochdachaidh ann an Alba a bhios a’ cruthachadh susbaint airson BBC ALBA, ’s e as coltaiche gum bi cuideigin ann a cheumnaich bhon chùrsa againne. Tha sinn glè mhoiteil às ar luchd-ceumnachaidh agus a’ bhuaidh a tha iad air a thoirt, agus a tha iad fhathast a’ toirt, air an roinn.
“Leis na sgoilearachdan seo, tha sinn a’ toirt taic do dhaoine tàlantach le Gàidhlig gus cur ris na sgilean, a’ mhisneachd agus ris an eòlas aca gus am bi iad comasach air dreuchdan a thoirt a-mach sna meadhanan Gàidhlig agus buaidh a thoirt air an roinn sna bliadhnaichean ri thighinn.”
Tha an Dioplòma sna Meadhanan Gàidhlig air atharrachadh thairis air nam bliadhnaichean gus freagairt air mar a tha saoghal nam meadhanan, ach tha e fhathast mar bhunait dhan chùrsa gum faigh oileanaich trèanadh practaigeach tron cuir iad eòlas air a’ ghnìomhachas tro mheadhan na Gàidhlig.
Faodar iarrtasan a chur a-steach gu h-ìosal airson nan sgoilearachdan an-dràsta, agus feumaidh na h-iarrtasan a bhith a-steach ro mheadhan-oidhche, 12 Lùnastal 2026.

