Ballrachd Comann Rìoghail Dhùn Èideann
Bu toil leinn meal-a-naidheachd a chur air an t-Ollamh Uisdean Cheape, àrd-òraidiche air a’ chùrsa MSc Cultar Dùthchasach is Eachdraidh na Gàidhealtachd aig Sabhal Mòr Ostaig, a tha am measg 91 daoine a chaidh a thaghadh airson ballrachd Comann Rìoghail Dhùn Èideann am-bliadhna, a thathas ag aithneachadh mar ‘Acadamaidh Nàiseanta na h-Alba’. Tha a’ bhallrachd ga taghadh bho na saidheansan, foghlam, na h-ealain, gnìomhachasan agus bhon bheatha phoblach, a dh’aona-ghnothaich gu bhith a’ riochdachadh diofar chuspairean agus gus am bi an Comann air chomas a dhol an sàs ann an deasbadan nàiseanta.
Tha an Comann a’ dearbhadh a chuid thàlantan le briathran bhon linn a chaidh a stèidheachadh ann an 1782: ‘An t-Eòlas air a chur gu feum’, agus tha dleastanas aig a’ Chaidreachas no ‘Fellowship’ a bhith a’ toirt taic dhan Chomann anns a’ chùis.
