DUAISEAN FILMG 2023
Abair oidhche a bh’ ann aig Duaisean FilmG 2023! Meal a naidheachd don h-uile duine a ghabh pàirt agus dhaibhsan a bhuannaich duaisean.
Bha e sgoinneil an t-uabhas de luchd-ceuma agus de dh’oileanaich Shabhal Mòr Ostaig fhaicinn ann, an dà chuid a’ cosnadh dhuaisean agus gan toirt seachad. Nam measg bha Somhairle MacIain, a th’ air an dàrna bliadhna den chùrsa DipHE Na Meadhanan Gàidhlig againn, a bhuannaich duais FILM OILEANACH AS FHEÀRR le ‘Air an Rathad’.

Bha e math cuideachd buaidh Shabhal Mòr Ostaig fhaicinn anns an fhilm ‘Gàidheil Ùra’ aig Innes MacLeòid, e fhèin na neach-ceuma, is e ag innse sgeulachdan triùir luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.
Bha am prionnsapal againn, An Dr Gillian Rothach, i fhèin an làthair gus AN DUAIS GHÀIDHLIG a thoirt seachad. Tha sinn airson meal a naidheachd a chur do sgoilearan Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn, a bhuannaich an duais leis an fhilm pongail aca, ‘Dath Falaichte’.
Taing mhòr do sgioba FilmG airson na h-obrach a tha iad air a dhèanamh gus farpais shònraichte eile a thoirt dhuinn am-bliadhna, agus do gach neach a chaidh an sàs innte.
