Skip to content

Cùrsa Fìdhlearachd le Charlie Mckerron: 24 an t-Iuchar 2023

BHO: 24 Iuchar 2023
GU: 28 Iuchar 2023
COSGAIS: £280
COSGAIS (OILEANAICH): £195
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

**Tha an cùrsa seo làn a-nis.  Nach faighnich sibh mun liosta-feitheimh.  Bu dòcha gum biodh ùidh agaibh air “Faerie Tunes“, a’ tòiseachadh 31/07/23 neo air “Strings ‘n’ Things“,  a’ tòiseachadh 07/08/23.**

Ionnsaich le fìor eòlaiche fìdhlearachd Albannach, Charlie Mckerron, aig Sabhal Mòr Ostaig. Bheir an cùrsa sùil air dòighean ionnsachaidh tro èisteachd, agus thèid ùine a chur seachad a’ leasachadh dhòighean cluiche is ruitheaman, le buaidh mhòr air co-sheirm gus am bi an t-seachdain cho ceòlmhor ‘s a ghabhas. Thèid ceòl sgrìobhte a thoirt seachad airson gach port a thèid a chluich tron chùrsa. Bidh an cùrsa freagarrach do dh’fhìdhlearan a tha air co-dhiù an ìre eadar-mheadhanach a ruigsinn.

Mu Charlie

Charlie McKerronTha Charlie Mckerron air a bhith na fhear den luchd-ciùil as ainmeile an saoghal ceòl traidiseanta na h-Alba bho thoiseach nan 1980an, agus tha e air cliù a chosnadh air feadh an t-saoghail mar fhìdhlear cho math ‘s a tha e an Alba. Tha e a’ cluich anns a’ chòmhlan-chiùil chliùiteach Capercaillie, agus tha e air co-obrachadh cuide ri iomadh neach-ciùil eile agus air cluich ann an còmhlanan eile, a leithid Session A9. Chaidh Charlie a thogail ann an dualchas fìdhlearachd ceann an ear-thuath na h-Alba, ach bhon uair sin tha e air a bhogadh fhèin ann an dualchas ceòl na Gàidhlig cuide ri Capercaillie, is iad air cuideachadh ceòl Gàidhlig a thoirt gu aire muinntir na cruinne.

Gus tuilleadh fiosrachadh fhaighinn air Charlie Mckerron agus Session A9, thigibh an seo.

/*
*/