CÙRSAICHEAN GOIRID AN T-SAMHRAIDH 2026
Fàilte gu prògram Cùrsaichean Goirid an t-Samhraidh 2026!
Tha na cùrsaichean seo gu bhith a’ ruith bho 06 Iuchar gu 21 Lùnastal 2026. Bidh sinn a cur am barrachd chùrsaichean suas thar na seachdainean a tha romhainn.
Tha sinn a’ coimhead air adhart ri fàilte a chuir oirbh air an làraich tro mìosan an t-samhraidh!
7 SEACHDAINEAN DE CHÙRSAICHEAN GOIRID TRON T-SAMHRAIDH:
06 IUCHAIR – 21 LÙNASTAL 2026
SEACHDAIN NAN TEAGHLACH
Fios ri thighinn.
Airson fios air susbaint a’ chùrsa aig gach Ìre Ghàidhlig, cliog air na ceanglaichean gu h-ìosal:
Gàidhlig Ìre 1, Gàidhlig Ìre 2, Gàidhlig Ìre 3, Gàidhlig Ìre 4
Gàidhlig Ìre 5, Gàidhlig Ìre 6, Gàidhlig Ìre 7, Gàidhlig Ìre 8
Gàidhlig Ìre 9, Gàidhlig Ìre 10, Co-ionannachd Ìre Ghàidhlig
Àite-fuirich
Thèid àite-fuirich a thabhann air an àrainn a-rithist (ma bhios sin ri fhaighinn) aig àm na Càisge agus san Ògmhios, san Iuchar agus san Lùnastal. Faodaidh tu cuideachd àite-fuirich taobh a-muigh na làraich a chur air dòigh nam b’ fheàrr leat. Faodaidh daoine campachadh air an làraich, ach thoir an aire nach e làrach campachaidh oifigeil a th’ annainn agus tha na goireasan againn cuibhrichte. Gheibhear fiosrachadh slàn air an duilleag Àiteachan-fuirich againn.
Sabhal Mòr Ostaig
’S e Sabhal Mòr Ostaig an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig. Stèidhichte ann an Slèite anns an Eilean Sgitheanach, ’s e an aon ionad Foghlam Àrd-ìre is Leantainneach anns an t-saoghal a tha a’ lìbhrigeadh a chuid phrògraman ionnsachaidh tro mheadhan na Gàidhlig a-mhàin ann an àrainn bhogaidh bheairteach. Ann an 2023, chomharraich sinn 50 bliadhna bhon a thòisich sinn, 15 bliadhna mus deach a’ chiad ionadan bun-sgoile a bha a’ teagasg tro mheadhan na Gàidhlig a stèidheachadh ann an Alba. An-diugh, ’s e Sabhal Mòr Ostaig am fastaiche as motha de luchd-labhairt na Gàidhlig san t-saoghal.

