Soraidh slàn le Mark Wringe
Tha sinn uile a’ guidhe soraidh slàn le Mark Wringe, a tha an-diugh (Dihaoine 28 Lùnastal) a’ leigeil dheth a dhreuchd mar òraidiche Gàidhlig às dèidh cha mhòr 30 bliadhna a’ teagasg aig Sabhal Mòr Ostaig.
Thòisich Mark ag obair còmhla rinn air Là Fhèill Phàdraig, 17 Màrt 1997. Bha e air a bhith teagasg aig Sabhal Mòr Ostaig ron a sin: beagan bhliadhnaichean air na Cùrsaichean Goirid, agus cuideachd semeastar ann an 1995/96, fhad ‘s a bha e air bliadhna rannsachaidh bho obair aig Ollscoil na Gaillimhe. Chaidh fhastadh gus An Cùrsa Comais, cùrsa bogaidh Gàidhlig air làraich na Colaiste ann an Slèite, a sgrìobhadh agus a lìbhrigeadh, ag obair còmhla ri Murchadh MacLeòid agus An Dr Iain Mac a’ Phearsain.
Thòisich An Cùrsa Comais anns a’ bhliadhna acadaimigich 1998/99, le buidheann bheag ag ionnsachadh ann an seòmar an Àrainn Ostaig. Tha Mark air a bhith os cionn a’ chùrsa BA (Urr) Cànan is Cultar na Gàidhlig againn bhon a chaidh dhearbhadh am measg nan ciad cheumannan ann an OGE, agus chaidh e cuideachd na Stiùiriche air a’ chùrsa BA (Urr) Gàidhlig le Leasachadh nuair a chaidh An Dr Gillian Rothach na Prionnsapal air an t-Sabhal.
Bha Mark cuideachd an sàs ann a bhith a’ toirt An Cùrsa Inntrigidh gu bith: cùrsa air astar a bhiodh a’ tabhann cothrom do dhaoine Gàidhlig ionnsachadh air a’ fòn tro Shabhal Mòr Ostaig, ge bith càit an robh iad san t-saoghal. Seo a’ chiad cùrsa Gàidhlig den leithid a chuirear air bhog ann an 2000 mar theisteanas fa leth an t-Sabhail (cha do rinnear teisteanas SQA às, leis gun robh iad airson ‘s gum biodh saorsa aca teagasg na bha iad fhèin airson teagasg). Bhiodh oileanaich air a’ chùrsa ag ionnsachadh tro chlasaichean fòin, is iad a’ cleachdadh CDan gus eacarsaichean èisteachd a dhèanamh. Chaidh na clàraidhean CD a dhèanamh ann an stiùidio beag shuas ann am Breacais, agus bhiodh iad a’ cur nan CDan is nam pàipearan chun nan oileanach anns a’ phost.
Shoirbhich leis a’ Chùrsa Inntrigidh cho mòr is gun do bhuannaich e Duais Cànain Eòrpach CILT ann an 2004. Bha an t-eòlas a thàinig bhon Chùrsa Inntrigidh na chuideachadh mòr le bhith a’ cur nan Cùrsaichean Goirid air-loidhne air bhog, agus cuideachd le bhith a’ cruthachadh An Cùrsa Adhartais, cùrsa air astar aig an aon ìre ris a’ Chùrsa Comais.
Bha an t-eòlas bho bhith a’ ruith chùrsaichean air astar thar iomadh bliadhna a’ ciallachadh nuair a thàinig an glasadh-sluaigh ri linn Covid ann am 2020, bha e fada na b’ fhasa do luchd-obrach an t-Sabhail dèiligeadh le bhith a’ gluasad nan clasaichean air-loidhne, an coimeas ri luchd-obrach ann an oilthighean eile nach biodh eòlach air a bhith a’ teagasg an dà chuid air astar agus aghaidh-ri-aghaidh.
An rud as motha a tha Mark air mothachadh mu Shabhal Mòr Ostaig thar nam bliadhnaichean, ’s e mar a tha e air fàs; chan ann dìreach ann am meudachd, ach ann an inbhe is cliù. Tha Mark am beachd gur iad stiùirichean is prionnsapalan an t-Sabhail thairis air na bliadhnaichean gu mòr a tha as coireach airson sin, tro bhith a’ fastadh an luchd-teagaisg is nan eòlaichean as fheàrr gus sàr fhoghlam na Gàidhlig a lìbhrigeadh do na h-oileanaich againn, seirbheis a tha cho cudromach do shaoghal na Gàidhlig.
A bharrachd air an obair aige a’ teagasg, tha buaidh Mark air saoghal na Gàidhlig cuideachd ri fhaicinn tron obair a rinn e mar phàirt den bhuidheann Ceartas tràth anns na 1980an, a bha ag iomairt a dh’ionnsaigh urram is aithneachadh na Gàidhlig. Cha robh soidhnichean rathaid anns a’ Ghàidhlig aig an àm, agus bhiodh Mark is feadhainn eile sa bhuidheann a’ dol a-mach is ag atharrachadh nan soidhnichean Beurla.
Nuair a chuala e an toiseach mu dheidhinn a’ phlana a bh’ aig Sir Iain Nobail colaiste Ghàidhlig a stèidheachadh anns an Eilean Sgitheanach, cha robh Mark a’ faicinn gun obraicheadh no gum maireadh e. Cha robh e a’ smaointinn gum biodh Sabhal Mòr Ostaig soirbheachail idir idir, ach a’ coimhead air ais air a-nis, tha e “cho toilichte ‘s a ghabhas gun robh [e] buileach ceàrr”!
Bidh ionndrainn mhòr air Mark, agus tha sinn uile airson taing mhòr a thoirt dha airson a chuid saothair do dh’oileanaich an t-Sabhail thairis air na bliadhnaichean. Gach dùrachd, Mark, agus mòran taing airson faisg air 30 bliadhna de sheirbheis do Shabhal Mòr Ostaig agus don Ghàidhlig.

