Seiminearan-Rannsachaidh: Am Foghar 2026
Tòisichidh sreath ùr de sheiminearan-rannsachaidh Diciadain 21 Dàmhair, air an làraich agus fosgailte air-loidhne tro Zoom cuideachd. Tha prògram air leth againn dhuibh thairis air an t-semeastar seo agus bhiomaid uabhasach toilichte nam b’ urrainn dhuibh tighinn còmhla rinn.
Bidh gach seiminear a’ tòiseachadh aig 13:00 feasgar Diciadain, ann an Seòmar Shomhairle, Ionad Iain Nobail, Sabhal Mòr Ostaig. Dhuibhse a bhios a’ frithealadh air-loidhne, feuch gun log thu a-steach mu 10 mionaidean ro làimh gus am faigh thu a-steach (agus gus an cuir sinn fàilte ort!). Bidh an seòmar-coinneachaidh glaiste 10 mionaidean às dèidh toiseach gach seimineir.
Diciadain 21 Dàmhair 2026, 13:00
An t-Ollamh Ùisdean Cheape
Sluagh gun ghuth – a’ dùsgadh cuimhneachan coimhearsnachd ann an sgìre Gàidhealtachd an Iar
Diciadain 04 Samhain 2026, 13:00
Alison NicGilleBhràith
Tùsan airson ceòl traidiseanta, Gàidhealach agus Gallda: smuaintean cellist
Diciadain 02 Dùbhlachd 2026, 13:00
Anna Thirkell, Gwen MacQuarrie agus An t-Oll. Morag Redford
Ionad Sàr-mhathais ann an Teagasg: Dreuchd an Ionaid ann a bhith a’ cumail taic ri feumalachdan thidsearan ann am foghlam Gàidhlig
Seiminearan-Rannsachaidh: An t-Earrach 2026
Diciadain 18 Gearran 2026, 13:00
Rona Wilkie
Buaidh seinn agus cluiche ciùil ann an Gàidhealtachd na h-Alba às dèidh na Goirte Mòire

