Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

Cùrsaichean

A bheil thu am beachd a' Ghàidhlig ionnsachadh, no a' Ghàidhlig a tha agad a thoirt air adhart, aig ìre oilthigh? A bheil ùidh agad ann an eachdraidh is cultar na Gàidhlig? A bheil meas mòr agad air ceòl traidiseanta is gum bu mhath leat barrachd ionnsachadh? No is dòcha gum bu mhath leat Gàidhlig a theagasg agus a thoirt do dhaoine eile?

Ma tha thu airson ionnsachadh aig a' Cholaiste no air astar, tha cùrsaichean rim faotainn airson fìor luchd-tòiseachaidh gu prògraman fo-cheum is for-cheum air an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha cliù eadar-nàiseanta aig a' Cholaiste airson teagasg cànain agus bogadh cànain agus as bith dè cho fileanta is a tha thu sa chànan bidh cùrsa ann a fhreagras ort fhèin.